Horodok
Городок Horodok
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Lvivska Oblast | ||||
Sgìre | Gorodoch'kij Raion | ||||
Co-chomharran | 49° 47 05' Tuath 23° 40 47' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 29.62 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 15,825 (2011) | ||||
Dlùths | 534.27/km² | ||||
Àireamh fòn | +380 3231 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile meadhanach air an àirde an iar na h-Ucràine agus bha e na bhroinn na Pòlainn ro 1945, a th’ ann an Horodok (Aibidil Cirillach: Городок, Ruisis: Gorodok, Pòlais: Gródek Jagielloński, Liotuànais: Horodokas). The suidhichte aig 256m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne, 24km air falbh bho Lviv, 91km bho Zolochiv, 149km bho Bhuchach agus 594km bho Kyiv, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 15,825 duine a’ fuireach ann.[3]
Eachdraidh
deasaichChaidh am baile a stèidheachadh ann an 1213 agus fhuair e a chuid chòirichean ann an 1655. Chaochail Diùc Jogaila an seo air 1 an t-Ògmhios 1434.[4] Thachair cathal an seo ann an 1667, far an do chuir feachdan na Ruise ruaig air Arm Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia.[5] Ann an 1991, thàinig Horodok gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
Daoine Ainmeil
deasaich- Igor Gorin (1904 - 1982). Seinneadair.
- Ross Martin (1920 - 1981). Actair.
- Franciszek Duszeńko (1925 - 2008). Cruth-ealantair.
Eòlas-sluaigh
deasaichA rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Horodok a' bruidhinn (96.74%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis cuideachd (2.73%).[6]