Ogsatanais
'S e cànan Innd-Eòrpach a tha ann an Ogsatanais. Canar lenga d'òc rithe san chànan fhèin no langue d'oc ann am Fraingis. 'S e mion-chànan a th' ann, tha e ga bruidhinn ann an Aquitaine, Auvergne, Languedoc-Roussillon, Limousin, Midi-Pyrénées agus anns a' Phrovence san àirde a deas na Frainge. Ach tha an cànan ri cluinntinn cuideachd ann an roinnean den Spàinn, den Eadailt is de Mhonaco. Tha an cànan glè choltach ri Catalanais.
occitan, lenga d'òc | ||
---|---|---|
Fuaimneachadh | [ˈɒksɨtən] | |
Far a bheil i 'ga bruidhinn |
| |
Luchd-labhairt iomlan |
1,000,000-3,700,000[1] | |
Teaghlach-chànan |
| |
Siostam-litreachaidh | Aibidil Laideannach | |
Inbhe Oifigeil | ||
Far a bheil i 'na chànan oifigeil | Catalòinia (an Spàinn), mar Cànan Aranese ann an Gleann Aran | |
'Ga riaghladh le | Occitan Academy in progress | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | oc | |
ISO 639-2 | oci | |
ISO 639-3 | oci | |
Tha iomadh dual-chainntean de dh'Ogsatanais ann: Auvergnat, Gascon (an lùib Aranese), Languedocien, Limousin, Provençal, agus Vivaro-Alpine.