George Santayana
B' e bàrd agus feallsanaiche às an Spàinn agus às na Stàitean Aonaichte a bh' ann an George Santayana (Madrid, 16 an Dùbhlachd 1863 - An Ròimh, 26 an t-Sultain 1952). Aig a bhaisteadh fhuair e an t-ainm Jorge Agustín Ruíz de Santayana y Borrás, ach tha e nas aithnichte an-diugh fon ainm George Santayana a chleachd e airson a cuid sgrìobhaidhean.
George Santayana | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Jorge Agustín Nicolás Ruiz de Santayana y Borrás |
Breith | San Bernardo street (en) agus Madrid, 16 dhen Dùbhlachd 1863 |
Dùthaich | An Spàinn |
Àite-fuirich |
Ávila Beacon Street (en) |
Bàs | An Ròimh, 26 dhen t-Sultain 1952 |
Àite-adhlacaidh | Campo Verano (en) |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (aillse na stamaig) |
Teaghlach | |
Athair | Agustín Ruiz de Santayana |
Màthair | Josefina Borrás |
Cèile | no value |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Harvard Colaiste Harvard Colaiste an Rìgh Oilthigh Humboldt Berlin Boston Latin School (en) |
Cànain |
Spàinntis Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | feallsanaiche, sgrìobhadair, bàrd, nobhailiche, aistear agus neach-teagaisg oilthigh |
Fastaichean | Oilthigh Harvard |
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
Ballrachd |
Acadamh Aimeireaganach nan Ealan is nan Litir Comann Phi Beta Kappa |
Far-ainmean | George Santayana |
Creideamh | |
Creideamh | Christian atheism (en) |
Ged a chùm Santayana a nàiseantachd Spàinnteach fad a bheatha, thogadh agus fhuair e foghlam anns an Stàitean Aonaichte agus thuirt e mu a dheidhinn fhèin gur e Ameireaganach a bh' ann.
Beatha
deasaichRugadh Santayana ann am Madrid ach fhuair e a àrach òg ann an Ávila, baile na mnà cràbhaich iomraiteach Teresa de Jesús.
Bha a mhàthair, Josefina Borrás, pòsta aig George Sturgis, marsanta bho Bhoston, agus dh'fhuirich i anns a’ bhaile sin gu bàs Sturgis ann an 1857. Le triùir chloinne, thill i do Mhadrid ann an 1861. Thachair i an sin ri seann charaid Agustín Santayana. Phòs iad agus bha aon phàiste aca, Jorge (a bhiodh an uair sin George). Ghabh an teaghlach còmhnaidh ann an Madrid agus Ávila.
Ann an 1869, nuair a bha Santayana sia bliadhna a dh'aois, chaidh Josefina agus a triùir cloinne le Sturgis air ais do Bhoston, a' fàgail George còmhla ri athair ann am Madrid. Lean Agustín agus George i ann an 1872, nuair a bha George ochd bliadhna a dh'aois. Ach cha do chòrd Boston ri Agustín agus thill e na aonar a dh’ Ávila, far an do dh’fhuirich e gu ceann a bheatha.
Chaidh Santayana a dh’Oilthigh Harvard far an do rinn e ceum. As dèidh dà bhliadhna ann am Berlin, thill e a Harvard far an do sgrìobh e tràchdas air saothair Hermann Lotze. Thòisich e feallsanachd a theagasg an sin cuideachd agus am measg a oileanaich bha T. S. Eliot, Robert Frost, Gertrude Stein, Horace Kallen, Walter Lippmann, and W. E. B. Du Bois.
Anns a’ bhliadhna 1912, leig e dheth a dhreuchd agus chaidh e a dh’ fhuirich anns an Roinn-Eòrpa (Ávila, Paris agus Oxford). Mu dheireadh, rinn e imrich don Ròimh, far an do chaochail e ann an 1952. Rè a dhà fhichead bliadhna anns an Roinn-Eòrpa sgrìobh e naoi leabhraichean deug. Cha do phòs e riamh.
Bàrdachd
deasaichA-measg a bhàrdachd, tha a dhàn fada Odes (5 earrannan agus 43 rann ) gu h-àraid sgoinneil, domhainn, feallsanachail. Dh'eadar-theangaich Garbhan MacAoidh cuid de na dàin Santayana is dh'fhoillsich Gairm iad ann an 1979.[1] Seo cuid de na rainn às an eadar-theangachadh Gàidhlig:
Dàin
deasaichII
(”My heart rebels against this generation”)
- Tha dubh-ghràin agam do mo linn ‘s mo chinneadh
- A mholas saorsa, ach na thràill don t-saibhreas,
- ‘S a triall gach là fo uallach an-uasal,
- Mòr as a mhàireach.
- Gun àit’ son tàmh tràth-nòin no faire-oidhche.
- Gun tlachd fo nèamhan ann an deò na beatha!
- Truagh iad fhèin, càrnaidh iad maoin is sealbh,
- Sanntach air buannach.
III
(“Gathering the echoes of forgotten wisdom”)
- ‘Trusadh mac-talla gliocais air dhì-chuimhne,
- ‘S èignicht’ le rùn sàr-euchdach, dàna, uaibhreach,
- Dh’iarr Columbus oirthir òr nan Innsean
- Fa chomhair Roinn-Eòrpa.
- Thug e don t-saoghal saoghal eile, ‘s lèir-sgrios
- Do thìrean neo-chiontach, sruth-ghràdhach, sàmhach,
- Mhallaich e ‘n Spàinn le seasg-òr, is do Pheadair
- Ghèill e na h-Andes.
- Dè ‘nis an t-euchd a dh’fhàg thu dhuinn, Cholumbuis?
- Ciod e an t-urram do do shliochd, Mhagellain?
- Gach là nì daoine saibhir cuairt an t-saoghail
- Air son dibhearsain.
- Agus dè‘m math a th’againn o bhur cunnart?
- Talamh nas lugha ‘s dùil nas lugh’ ri flaitheas,
- Lùghdaich sibh luach òir, ‘s a’ tromhas cuain,
- Chunnt sibh na h-innsean.
V
(“Of thee the Northman by his beachèd galley”)
- Chunnaic an Lochlannach ri taobh a bhìrlinn
- Thus’ ann an aisling, ‘Mhuir-na-meadhan-tìre,
- Fon fhuar Chrann-arain, agus e ag iondrainn
- Samhraidh is solais.
...
- Thusa, neo-challaicht’, deònach air bhith callaicht’,
- Thagair an Ròimh thu gus an deach’ i sgriosadh,
- Agus a-nis tha’n Sasunnach gad coimhead,
- Seasmhach is uasal.
- Ach 's coma dhuit, cho fad 's nach reòdh an geamhradh
- Na fuarain agad, is nach tachd Sahàra
- Le gainneich uabhasach do long-phuirt shìtheil
- Dionta le creagan.
- Suarach dhuit co shaltaireas do chòrsa:
- Coma dhomh cuideachd, ‘s mi bho àrd-ros fraochach,
- Cùbhraidh, ag amharc air do bhoidhcheid shìorraidh,
- Sòlas nan daoine.
Iomraidhean
deasaich- ↑ MacAoidh, Garbhan (An Geamhradh 1979–1980): “Dàin (Odes) le George Santayana (feallsanach agus bàrd Spàinneach-Ameireaganach, eadar-th. gu Gàidhlig,” ann an: Gairm, leabhar 109, td. 27.