Vinstrihreyfingin - grænt framboð
Vinstrihreyfingin - grænt framboð | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 6 an Gearran 1999 |
Luchd-stèidheachaidh | Steingrímur Jóhann Sigfússon |
Àite-Stèidheachaidh | Reykjavík |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Àrainneachdas, Boireann-dhligheachas, Sìochantas, Sòisealachd |
Oifisean | Túngötu 14, 101 Reykjavík |
Cathraiche | Katrín Jakobsdóttir |
Suidheachain | 11/63 |
Riaghaltas | San riaghaltas |
'S e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bhios a' gabhail ri poilitigs na làimhe chlì 's a th' ann am Vinstrihreyfingin - grænt framboð (Gàidhlig: Gluasad Clì - Uaine, ainm goirrid: Vinstri Græn). Chaidh a stèidheachadh ann an Reykjavík air 6 an Gearran 1999,[1] nuair a dhiùlt cuid a þingmenn (Gàidhlig: Buill-pàrlamaid) à ceithir pàrtaidhean beaga (Alþýðubandalagið, Alþýðuflokkurinn, Kvennalistinn agus Þjóðvaki – Hreyfing Fólksins) a ghabhail ris an aonadh a chruthaich Samfylkingin.[2] Tha aon riochdaire deug aige fhèin san Alþingi (pàrlamaid), sianar boireannaich agus còignear fireannaich.[3] 'S e an dara fòrsa poileataigeach as motha san Alþingi, agus tha e san riaghaltas ann an co-bhann còmhla ri Sjálfstæðisflokkurinn agus Framsóknarflokkurinn. A bharrachd air sin, tha ceannard a' phàrtaidh, Katrín Jakobsdóttir, na forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear). 'S i an dara thè san dreuchd ann an eachdraidh Innis Tìle, an dèidh Jóhanna Sigurðardóttir,[4] a bha na prìomh-mhinistear bho 2009 gu ruige 2013. 'S e pàrtaidh a tha gu làidir an aghaidh an Aonaidh Eòrpaich a th'ann.
Taghaidhean dhan Alþingi
deasaichB' ann ann an 2009 a bha Vinstrihreyfingin - grænt framboð na bu shoirbheachaile.[5]
Bliadhna | Bhòtaichean | % | Seataichean |
---|---|---|---|
1999 | 15,115 | 9.1 | 6 |
2003 | 16,129 | 8.8 | 5 |
2007 | 26,136 | 14.3 | 9 |
2009 | 40,581 | 21.7 | 14 |
2013 | 20,546 | 10.9 | 7 |
2016 | 30,166 | 15.9 | 10 |
2017 | 33,155 | 10.9 | 11 |
Prìomh-mhinistearan
deasaichTha dìreach aon Forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) air a bhith aige gu ruige seo: