Fosgail am prìomh chlàr-taice

'S e eilean agus dùthaich a tha ann an Innis Tìle [1][2][3][4][5] neo Innis Tile[6][7] aig bàrr a' Chuan Siar, agus taobh-a-tuath na Roinn-Eòrpa. 'S e Reykjavik na prìomh-bhaile. A thaobh chultair, cànan agus eachdraidh, 's ann gu Lochlann 's a tha Innis Tìle a' buinntinn. Canar Alþingi ris a' phàrlamaid nàiseanta aig Innis Tìle.

Lýðveldið Ísland
Flag of Iceland.svg
Bratach
Coat of arms of Iceland.svg
Gearradh-arm
Europe location ISL.png
Laoidh Nàiseanta
Lofsöngur
Cànan(an) oifigeil Innis-Tìlis
Prìomh-bhaile Reykjavík
Baile as motha Reykjavík
Riaghaltas Poblachd phàrlamaideach
Ceann-suidhe Guðni Th. Jóhannesson
Prìomh-mhinistear Katrín Jakobsdóttir
Ceann-suidhe Alþingi Sturla Böðvarsson
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Danmhairg
1 an Gearran 1904
Poblachd 17 an t-Ògmhios 1944
Farsaingeachd
Iomlan 103,000 km² (107mh)
Uisge 2.7 %
Àireamh-shluaigh (2008)
Iomlan 316,252 (172mh)
Dlùths 3,1/km² (233mh)
LTD/CCC (2006)
Iomlan $12.172 billean (132mh)
gach pearsa $40,277 (2005) (5mh)
Roinn tìde GMT (UTC+0)
Ruith-airgid Icelandic króna
Prìomh àrainn-lìn .is
Còd Àireamh fòn 354

EachdraidhDeasaich

'S ann à Thūlē (Laideann) agus Θούλη Greugais, an t-ainm a chleachdadh o shin airson an tìr a bha gu tuath air an Roinn-Eòrpa a tha an t-ainm Gàidhleach.[8] 'S e an Landnámabók a th'anns an tobar as sìne a th'ann a bheir fiosachadh dhuinn mun dòigh anns an tug na Lochlannaich seilbh air an dùthaich. Anns a' chiad chaibideil dhen Landnámabók tha e sgrìobhte gun duirt Bede, am manach agus seanachaidh, gu robh Innis Tìle sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn:[9]

Í aldarfarsbók þeirri, er Beda prestur heilagur gerði, er getið eylands þess er Thile heitir og á bókum er sagt, að liggi sex dægra sigling í norður frá Bretlandi

(San t-seann leabhar aca, a bheannaich an sagart Bede, far a nochdas an t-eilean is san leabhar tha e ag ràdh gu bheil Innis Tìle na laighe sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn)

Tha fianais ann gur e manaich Gàidhleach à Alba agus Èirinn a bh' anns a' chiad choimhearnachd air an eilean a tha seo. A bharrachd air an Landnámabók, 's e na sàgaichean (Innis Tìlis: saga/sögur) a tha a' toirt dhuinn iomadh fiosrachadh mu ghabhail na tìre agus an seòrsa sòisealtas a bh' ann o shin.

B' ann ann an 999 a ghabh an dùthaich ri Crìosdaidheachd, pròiseas air a bheil Kristnitakan, air neo Togail Chrìosd sa Ghàidhlig.

Tir-eòlasDeasaich

 
Innis Tìle san Iuchar, dealbh bhon NASA

Tha àrd-thìr ann am meadhan na dùthcha ris an canar Hálendi neo Beanntan Innis Tìle. Fhuair an Eileamaid cheimigeach Tuilium ainm às an dùthaich seo.

SgìreanDeasaich

 
Sgìrean Innis Tìle

Bailtean MòraDeasaich

Seo liosta nan deich bailtean as motha san dùthaich.[10]

CultarDeasaich

LitreachasDeasaich

IomraidheanDeasaich

  1. Am Faclair Beag
  2. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  3. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  4. Dùthchannan aig SMO
  5. Brìgh nam Facal, Faclair Ùr don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0903204215
  6. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  7. Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
  8. Charlton T. Lewis; Charles Short (1879). A Latin Dictionary. Oxford: Clarendon Press.
  9. Saga Map
  10. World Population Review

Ceanglaichean a-machDeasaich

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: