Flokkur Fólksins
Flokkur Fólksins | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 27 am Faoilleach 2016 |
Luchd-stèidheachaidh | Inga Sæland |
Àite-Stèidheachaidh | Kópavogur |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Sòisealachd |
Oifisean | Hamraborg 10, 200 Kópavogur |
Cathraiche | Inga Sæland |
Suidheachain | 4/63 |
Riaghaltas | Luchd-dùbhlain |
'S e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bhios a' gabhail ri poilitigs na làimhe chì 's a th' ann am Flokkur Fólksins (Gàidhlig: Pàrtaidh nan Daoine). Cha deach a stèidheachadh ach air 27 am Faoilleach 2016.[1] Bha ceathrar riochdairean aige san Alþingi (pàrlamaid), dithis bhoireannaich agus dithis fhireannaich,[2] ach chuireadh dithis dhuibh a-mach às a' phàrtaidh. B' e gu robh an dithis siud a' gabhail ri gnèitheachas agus chualas na beachdan sin ann am bàr air a bheil Klaustur Bar, far an robh iad ag òl deoch làidir le buill-pàrlamaid à Miðflokkurinn.[3] Tha am bàr sin suidhichte air beulaibh an Alþingi. 'S e Flokkur Fólksins agus Viðreisn a th' ann na fòrsaichean poileataigeach as lùgha san Alþingi. Chan eil Flokkur Fólksins san riaghaltas a-nis. 'S e pàrtaidh a tha gu làidir an aghaidh an Aonaidh Eòrpaich agus bochdainn, ach mar as àbhaist bithear ag iomairt airson nan daoine aosda agus ciorramaich.
Taghaidhean dhan Alþingi
deasaichBha Flokkur Fólksins na bu shoirbheachaile ann an 2017 na ann an 2016, leis nach d' fhuair iad idir seat neo seat sa chiad dol a-mach[4]
Bliadhna | Bhòtaichean | % | Seataichean |
---|---|---|---|
2016 | 6,707 | 3.54 | 0 |
2017 | 13,502 | 6.88 | 4 |