Kvennalistinn
Liosta nam Ban
Fiosrachadh
Stèidheachadh 13 am Màrt 1983
Luchd-stèidheachaidh Ingibjörg Sólrún Gísladóttir
Àite-Stèidheachaidh Reykjavík
Beachd-smuainealas Eachdraidheil Boireann-dhligheachas

B' e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bha a' gabhail ri Boireann-dhligheachas agus a bha air an làimhe chlì ann am poileataigs s' a bh' ann an Kvennalistinn (Gàidhlig: Liosta nam Ban, ainm fada Samtök um kvennalista).[1] Chaidh a stèidheachadh ann an Reykjavík air 13 am Màrt 1983. Dh'aontaich a' mhòr-chuid nam ball Kvennalistinn gu Samfylkingin ann an 2000, còmhla ri Alþýðuflokkurinn, Alþýðubandalagið agus Þjóðvaki – Hreyfing Fólksins. A dh'aindeoin sin, chaidh cuid dhuibh gu Vinstrihreyfingin - grænt framboð.

Taghaidhean dhan AlþingiDeasaich

B' ann ann an 1987 a bha Kvennalistinn na bu shoirbhachaile anns na taghaidhean dhan Alþingi,[2] nuair a fhuair iad 6 seataichean.

Bliadhna Bhotaichean % +/- Seataichean +/-
1983 7.125 5,5 % 3
1987 15.470 10,1 % +4,6 % 6 +3
1991 13.069 8,3 % −1,8 % 5 −1
1995 8.031 4,9 % −3,4 % 3 −2

Buill-pàrlamaidDeasaich

Ceanglaichean a-muighDeasaich

IomraidheanDeasaich

  1. Alþingi
  2. Dieter Nohlen & Philip Stöver (2010) Elections in Europe: A data handbook, p962, ISBN 978-3-8329-5609-7
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: