Alþýðuflokkurinn
Alþýðuflokkurinn Pàrtaidh nan Daoine | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 12 am Màrt 1916 |
Luchd-stèidheachaidh | Jón Baldvinsson Ólafur Friðriksson |
Àite-Stèidheachaidh | Reykjavík |
Beachd-smuainealas Eachdraidheil | Deamocrasaidh sòisealta |
B' e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bha a' gabhail ri poilitigs deamocratach sòisealta a bh' ann an Alþýðuflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh nan Daoine).[1] Chaidh Alþýðuflokkurinn a stèidheachadh ann an Reykjavík ann an 1916 mar ghuth nan aonaidhean-ciùird.[2] Cha d' fhuair e a' chiad þingmaður (Gàidhlig: ball-pàrlamaid) aige ach ann an 1920, nuair a chaidh Jón Baldvinsson a thaghadh. Thoisich Alþýðuflokkurinn ri fhàs an dèidh 1934, nuair a ghabh Innis Tìle ri riochdachadh co-rèireach. Bha triùir Forsætisráðherra (Gàidhlig: prìomh-mhinistear) aca: Stefán Jóhann Stefánsson (1947 - 1949), Guðmundur Emil Jónsson (1958 - 1959) agus Benedikt Sigurðsson Gröndal (1979 - 1980). Bha Alþýðuflokkurinn anns an riaghaltas ann an co-bhann le Sjálfstæðisflokkurinn bho 1959 gu ruige 1971. Sgarr buidheann òigridh na làimhe chlì on phartaidh ann an 1930, agus stèidhich iad pàrtaidh Comannach fa leth, air an robh Kommúnistaflokkur Íslands.[3] ach thill iad ann an 1938. Dh'aontaich Alþýðuflokkurinn, Alþýðubandalagið, Kvennalistinn, agus Þjóðvaki – Hreyfing Fólksins ri Samfylkingin a stèidheachadh ann an 2000. A bharrachd air sin, b' ann gu Alþýðuflokkurinn a bhuinneadh Jóhanna Sigurðardóttir, a' chiad thè ann an eachdraidh na dùthcha agus a' chiad neach LCDT a bhios na Forsætisráðherra a-riamh, ro 1994.
Prìomh-mhinistearan
deasaichBha triùir Forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) aige nuair a bha am pàrtaidh ann:
Cinn-suidhe
deasaichOn a ghabh Innis Tìle ris a' Phoblachd ann an 1944 tha dìreach aon duine a tha na bhall a' Phàrtaidh air a bhith na fhorseti (Gàidhlig: Cheann-suidhe):
Cathraichean
deasaich- Ottó N. Þorláksson (1916)
- Jón Baldvinsson (1916–38)
- Stefán Jóhann Stefánsson (1938–52)
- Hannibal Valdimarsson (1952–54)
- Haraldur Guðmundsson (1954–58)
- Guðmundur Emil Jónsson (1958–68)
- Gylfi Þorsteinsson Gíslason (1968–74)
- Benedikt Sigurðsson Gröndal (1974–80)
- Kjartan Jóhannsson (1980–84)
- Jón Baldvin Hannibalsson (1984–96)
- Sighvatur Kristinn Björgvinsson (1996–98)
- Guðmundur Árni Stefánsson (1998–2000)
Taghaidhean dhan Alþing
deasaichSeo na torraidhean a fhuair Alþýðuflokkurinn anns na Taghaidhean dhan Alþing, 1942 nam measg, a-rèir Dieter Nohlen (2010);[5] agus bho 1946 a-rèir Peter Flora (2000).[6]
Ceanglaichean a-muigh
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Alþingi
- ↑ Eiríkur Bergmann Einarsson; Eirikur Bergmann (31 January 2014). Iceland and the International Financial Crisis: Boom, Bust and Recovery. Palgrave Macmillan. p. 34. ISBN 978-1-137-33200-4
- ↑ Verklýdsblaðið
- ↑ Vísindavefurinn
- ↑ Dieter Nohlen, Philip Stöver: Elections in Europe. A Data Handbook, Baden-Baden 2010, S. 947–86
- ↑ Peter Flora, Franz Kraus, Franz Rothenbacher: The Societies of Europe. Elections in Western Europe since 1815, London/Oxford 2000. ISBN 0-333-77111-7