Miðflokkurinn
Fiosrachadh
Stèidheachadh 24 an t-Sultain 2017
Luchd-stèidheachaidh Sigmundur Davíð Gunnlaugsson
Àite-Stèidheachaidh Reykjavík
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Talamhachd
Oifisean Hafnarstræti 20, 101 Reykjavík
Cathraiche Sigmundur Davíð Gunnlaugsson
Suidheachain 9/63
Riaghaltas Luchd-dùbhlain

'S e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bhios ann am meadhan speactram poilitigs na dùthcha 's a th' ann am Miðflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh Meadhannach). Cha deach a stèidheachadh ach air 24 an t-Sultain 2017,[1] nuair a sgar feadhainn on Framsóknarflokkurinn, air sgàth pholasaidhean a thaobh bhancaichean, a tha na trioblaid mhòr ann an Innis Tìle. Tha seachdnar riochdairean aige fhèin san Alþingi (pàrlamaid), còignear fireannaich agus tè,[2] a bharrachd air dithis eile a dh' fhàg Flokkur Fólksins an dèidh sgàinneal ann am bàr. B' e gu robh iad uile a' gabhail ri gnèitheachas agus chualas na beachdan sin ann an Klaustur Bar, a tha suidhichte air beulaibh an Alþingi, far an robh iad ag òl deoch làidir.[3] 'S e an treas fòrsa poileataigeach as motha san Alþingi a-nis, ach chan eil Miðflokkurinn air a bhith san riaghaltas fhathast. 'S e pàrtaidh a tha gu làidir an aghaidh an Aonaidh Eòrpaich a th'ann.

Taghaidhean dhan Alþingi deasaich

Fhuair Miðflokkurinn seachd seataichean dhan Alþingi ann an 2017, a' chiad dol a-mach aig a' phàrtaidh.[4]

Bliadhna Bhòtaichean % Seataichean
2017 21,335 10.9 7

Ceanglaichean a-muigh deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Alþingi
  2. Parties and Elections
  3. DV ĺsland
  4. Stjórnarrað ĺslands
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: