Jóhanna Sigurðardóttir
'S e neach-iomairt nan aonaidhean-ciùird agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann an Jóhanna Sigurðardóttir (IPA: ˈjouːhana ˈsɪːɣʏrðarˌtouʰtɪr̥).[1] Rugadh i air 4 an Dàmhair 1942 ann an Reykjavík. Fhuair i a cuid foghlaim aig Sgoil Mhalairt Innise Tìle (Innis-Tìlis: Verzlunarskóli Íslands) agus chuir i seachd bliadhnaichean ag obair ann an Icelandic Airlines, far an robh i na Neach-frithealaidh itealain. B' ann os cionn aonaidhean-ciùird 's a bha i cuideachd.[2] Bha i na cathraiche Flugfreyjufélag Íslands (Gàidhlig: Aonadh Luchd-frithealaidh Itealain Innse Tìle) bho 1966 gu ruige 1969 agus bha i cuideachd os cionn Verslunarmannafélag (Gàidhlig: Aonadh Luchd-obrach Malairt) eadar 1976 agus 1978.
Aig an toiseach toisichidh bhuinneadh i gu Alþýðuflokkurinn ach sgarr iad ann an 1994 agus ghabh i ri Þjóðvaki – Hreyfing Fólksins.[3] Thàinig Alþýðuflokkurinn agus Þjóðvaki – Hreyfing Fólksins ri chèile a-rithist ann an Samfylkingin (Gàidhlig: Caidreachas ann an 2000. Bha Sigurðardóttir na ministear nan sochairean sòisealta dà thuras: eadar 1987 agus 1994 fo Þorsteinn Pálsson, Steingrímur Hermannsson agus Davíð Oddsson agus an uair sin eadar 2009 agus 2013 fo Geir Hilmar Haarde.[4] Bha ise na ball-pàrlamaid bho 1978 gu ruige 2013 agus na forsætisráðherra (Gaidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 2009 gu ruige 2013. 'S i a' chiad tè ann an eachdraidh na dùthcha agus a' chiad neach LCDT a bhios na Forsætisráðherra a-riamh. Eadar 1963 agus 1971 b' e ball-pàrlamaid a bh' ann a h-athair, Sigurður Egill Ingimundarson, airson Alþýðuflokkurinn cuideachd.[5] Phòs Sigurðardóttir aig Þorvaldur Steinar Jóhannesson ann an 1970 agus fhuair iad dithis duine-cloinne ri chèile. Dhealaich iad ann an 1987 agus phòs i aig tè air a bheil Jónína Leósdóttir a tha na sgrìobhadair, ann an 2010.[6]
Caibineit Shigurðardóttir
deasaichSeo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a bha Sigurðardóttir os cionn an riaghaltais.[7] Bhuinneadh iad uile gu Samfylkingin agus Vinstrihreyfingin - grænt framboð:
- Jóhanna Sigurðardóttir: Prìomhaire
- Steingrímur Jóhann Sigfússon: Ionmhais (gu ruige 31.12.2011), Eaconomaidh is Malairt agus Iasgach agus Àiteachas (bho 31.12.2011 gu ruige 01.09.2012), Cosnadh agus Ùr-ghnàthachadh (bho 01.09.2012)
- Össur Skarphéðinsson: Dùthchannan Cèin
- Kristján L. Möller: Còmhdhail (gu ruige 02.09.2010 - dh'atharraich ainm na ministrealachd air 01.10.2009 Còmhdhail agus Roinnean agus an auair sin bha Kristján os cionn Chòmhdhail agus Roinnean)
- Ögmundur Jónasson: Slàinte gu ruige 01.10.2009, Ceartas agus Còraichean Daonnra, Còmhdhail agus Roinnean bho 01.09.2010 (dh'atharraich ainm na ministrealachd 01.01.2011 Dùthchannan Cèin agus an uair sin bha Ögmundur os cionn Dhùthchannan Cèin)
- Katrín Jakobsdóttir: Foghlam (dh'atharraich ainm na ministrealachd air 01.10.2009 Foghlam agus Cultar agus an uair sin bha Katrín os cionn Foghlam is Cultar)
- Gylfi Magnússon: Malairt gu ruige 02.09.2010 (dh'atharraich ainm na ministrealachd air 01.10.2009 Eaconamaidh agus Malairt agus an uair sin bha Gylfi Eaconamaidh agus Malairt)
- Ragna Árnadóttir: Ceartas gu ruige 02.09 agus Cùisean Eaglaiseil .2010 (dh'atharraich ainm na ministrealachd air 01.10.2009 agus Ceartas is Còraichean Daonnra agus an uair sin bha Ragna os cionn Cheartas is Còraichean Daonnra)
- Jón Bjarnason: Àiteachas agus Iasgach gu ruige 31.12.2011
- Katrín Júlíusdóttir: Gnìomhachas gu ruige 01.09.2012, Ionmhais agus Eaconmaidh bho 01.10.2012
- Árni Páll Árnason: Cùisean Sòisealta agus Tèarainteachd Shòisealta gu ruige 02.09.2010, Eaconmaidh agus Malairt bho 02.09.2010 gu ruige 31.12.2011
- Svandís Svavarsdóttir: Àrainneachd gu ruige 01.09.2012, Àrainneachd agus Stòrasan Nàdarra bho 01.09.2012
- Álfheiður Ingadóttir: Slàinte bho 01.10.2009 gu ruige 02.09.2010
- Guðbjartur Hannesson: Cùisean Sòisealta agus Tèarainteachd Shòisealta agus Slàinte bho 02.09.2010 (dh'atharraich ainm na ministrealachd air 01.01.2011 fo shochairean Sòisealta agus an uair sin bha Guðbjartur os cionn shochairean Sòisealta)
- Oddný G. Harðardóttir: Ionmhais bho 31.12.2011 gu ruige 01.09.2012, Ionmhais agus Eaconmaidh bho 01.09.2012 gu ruige 01.10.2010.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaichRo-Theachdair: Geir Hilmar Haarde (2009) |
forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Sigmundur Davíð Gunnlaugsson (2013) |