Katrín Jakobsdóttir
'S e forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) Innis Tìle a th' ann an Katrín Jakobsdóttir (IPA: ˈkʰaːtrin ˈjaːkʰɔpsˌtouʰtɪr̥, Gàidhlig: Catrìona Nic Iàcoib).[1] Rugadh i air 1 an Gearran 1976 ann an Reykjavík. Tha ise na ball Vinstrihreyfingin - grænt framboð (Gàidhlig: Gluasad Clì - Uaine), an dara fòrsa poileataigeach as motha san Alþingi, agus a tha san riaghaltas ann an co-bhann còmhla ri Sjálfstæðisflokkurinn agus Framsóknarflokkurinn. Fhuair i a cuid foghlaim aig Menntaskólinn við Sund agus Oilthigh Innis Tìle (Innis-Tìlis: Háskóli Íslands), a tha fo sgàil na stàite, agus aig Oilthigh Reykjavík (Innis-Tìlis: Háskólinn í Reykjavík), a tha san roinn phrìobhaideach. Tha i air a bhi na forsætisráðherra bho 2017. 'S i an dàrna thè a bhith na forsætisráðherra ann an eachdraidh na dùthcha an dèidh Jóhanna Sigurðardóttir.
Cabineit Jakobsdóttir
deasaichSeo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a tha Jakobsdóttir air a bhith os cionn an riaghaltais.[2] Tha iad a' buinntinn uile gu Framsóknarflokkurinn, Sjálfstæðisflokkurinn agus Vinstrihreyfingin - grænt framboð:
- Katrín Jakobsdóttir, Prìomhaire
- Bjarni Benediktsson: Ionmhais agus Eaconomaidh
- Sigurður Ingi Jóhannsson: Còmhdhail agus Roinnean
- Kristján Þór Júlíusson: Àiteachas agus Iasgach
- Svandís Svavarsdóttir: Slàinte
- Guðlaugur Þór Þórðarson: Dùthchannan Cèin
- Sigríður Á. Andersen: Ceartas gu ruige 14.03.2019
- Þórdís Kolbrún Reykfjörð Gylfadóttir: Turasachd, Gnìomhachas is Ùr-ghnàthachadh agus Ceartas
- Lilja Dögg Alfreðsdóttir: Foghlam agus Cultar
- Ásmundur Einar Daðason: Cùisean Sòisealta agus Cothroman Co-ionann agus, bho 01.01.2019 Cùisean Sòisealta agus Clann
- Guðmundur Ingi Guðbrandsson: Àrainneachd agus Stòrasan nàdarra
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaichRo-Theachdair: Bjarni Benediktsson (2017) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: (2021) |