B' e sgoilear nan cànan Ceilteach a bh' ann an Tomás Proinsias Ó Rathaile (Lios Tuathail, 11 an t-Samhain 1882 – Ibid 16 an t-Samhain 1953; Beurla: Thomas Francis O'Rahilly). Bha e na bhall de Acadamh Ríoga na hÉireann agus bha e gu sònraichte gnìomhach ann an cànanachas eachdraidheil agus rannsachadh nan cànan Goidhealach. Chaochail e ann am Baile Átha Cliath ann an 1953.

Tomás Ó Rathaile
Beatha
Ainm slàn Thomas Francis O'Rahilly
Breith Lios Tuathail, 11 dhen t-Samhain 1882
Dùthaich  Poblachd na h-Èireann
 Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann
Irish Free State
Bàs Baile Àtha Cliath, 16 dhen t-Samhain 1953
Teaghlach
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Rìoghail na h-Èireann
Colaiste Oilthigh Bhaile Àtha Cliath
St. Michael's College, Listowel (en) Translate
Colaiste Oilthigh Chorcaigh
Oilthigh na Trianaide ann am Baile Àtha Cliath
School of Irish Learning (en) Translate
Àrd-fhoghlam Maighstir nan Ealan
Cànain Gaeilge
Beurla
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche
Fastaichean Oilthigh na Trianaide ann am Baile Àtha Cliath  (1919 -
Ballrachd Acadamh Rìoghail na h-Èireann

Eachdraidh-bheatha

deasaich

Rugadh e ann an Lios Tuathail ann an Contae Chiarraí ann an Èirinn agus fhuair e foghlam aig àrd-ìre aig Ollscoil Ríoga na hÉireann. Bha iomadh ollamhachd aige, 's ann an Coláiste na Tríonóide eadar 1919-1929 airson na Gaeilge agus Coláiste na hOllscoile Corcaigh eadar 1929-1935 ann an Corcaigh airson nan cànan Ceilteach agus ann an An Coláiste Ollscoile, Baile Átha Cliath eadar 1935-1941. Bha e an uairsin na cheannard os cionn Roinn na Ceiltis aig Institiúid Ard-Léinn Bhaile Átha Cliath eadar 1942 is 1947.

Dh'fhoillsich e iomadh pàipear is leabhar, a' gabhail a-steach sreath de chruinneachaidhean bàrdachd Ghaeilge eadar 1916 is 1927 no an leabhar Irish Dialects Past and Present ann an 1932. Chuir e air bhonn Gadelica: a Journal of Modern Irish studies agus bha e na dheasaiche aig an iris Celtica (1946-1950).

Connspaideachdan

deasaich

Bha cuid e na beachdan aig Tomás Ó Rathaile gu math connspaideach. Dh'fhoillsich e leabhar air a bheil Early Irish history and mythology ann an 1946 agus chuir e nar sùilean gun do rinn muinntir aig an robh cànain Cheiltich tìr-ghabhail ceithir tursan ann an Èirinn, stèidhichte air sgrùdadh nan seann-sgrìobhainnean. Ann an òraid sa bhliadhna 1942, nochd e beachd gun robh dà Naomh Pàdraig ann.

Bha beachdan làidir aig a thaobh suathadh cànain agus dà-chànanachas, gu h-àraidh a thaobh na Gaelg. Thuirt e na leanas ann an Irish Dialects Past and Present mar eisimpleir:

From the beginning of its career as a written language English influence played havoc with its syntax, and it could be said without much exaggeration that some of the Manx that has been printed is merely English disguised in a Manx vocabulary. Manx hardly deserved to live. When a language surrenders itself to foreign idiom, and when all its speakers become bilingual, the penalty is death. (td. 121)[1]

Chan eil a' mhòrchuid dhe na daoine a' gabhail ri beachdan mar sin tuilleadh an-diugh ge-tà.

Teaghlach

deasaich

'S e sgoilearan a bha na bhràthair is na phiuthar cuideachd. Bha ise, Cecile Ní Rathaile, na sgoilear Ceilteach cuideachd agus dh'fhoillsich i gu sònraichte mu Tháin Bó Cúailnge. Bha a bhràthair Alfred Ó Rathaile na cheann-suidhe aig Coláiste na hOllscoile Corcaigh agus cuideachd na Teachta Dála (TD) (ball pàrlamaid na h-Èireann) airson Cathair Chorcaigh.

  1. Ó Rathaile, T Irish Dialects Past and Present Browne (1932) and Nolan

Ceanglaichean a-mach

deasaich