Nils Holmer
Bha Nils Magnus Holmer (Göteborg, 5 an Gearran 1904 – Lund, 1994) 'na chànanaiche a rugadh anns an t-Suain 's a rinn rannsachadh mòr air a' Ghàidhlig, gu h-àraid dual-chainntean taobh a deas na dùthcha mar Ghàidhlig Arainn, Chinn Tìre is Earra Ghàidheal agus dh'fhoillsich e grunn phàipearan is leabhraichean cudromach air a' chuspair.[1] Tha sin a' gabhail a-steach leabhar air Gaeilge Eilean Reachra a tha leathach slighe eadar Gàidhlig is Gaeilge.[2] Bha ollamhachd aige ann an cànanachas aig Oilthigh Lund eadar 1949-1969 agus tha e ainmeil mar an aon Suaineach aig an robh a-riamh trì artaigealan san iris Language.[3] Gu h-annasach, rinn e obair blàir chan ann a-mhàin air aon no dhà chànan ach air iomadh cànan air grunn mhòr-thirean, a' gabhail a-steach Gaeilge, Basgais, cànain Siouanach, cànain Algonquianach, cànain Iroquoianach, Kuna à Meadhan Aimeireaga agus Choco is Wayuu agus cànain nan tùsanach Astràileanach.[1] Thug e ceum bho Oilthigh Lund.
Nils Holmer | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Masthuggs församling (en) agus Göteborg, 5 dhen Ghearran 1904 |
Dùthaich | An t-Suain |
Bàs | 10 dhen Ògmhios 1994 |
Àite-adhlacaidh | Fränninge Church (en) |
Foghlam | |
Cànain |
Spàinntis Beurla Suainis Basgais Portagailis |
Dreuchd | |
Dreuchd | cànanaiche agus neach-teagaisg oilthigh |
Fastaichean | Oilthigh Lund |
Tùsan
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Chelliah, Shobhana and de Reuse, Willem The History of Linguistic Fieldwork (2011) Springer ISBN 978-9048190256
- ↑ Holmer, N. The Irish Language in Rathlin Island (1942) Royal Irish Academy
- ↑ Sigurd, Bengt Svensk språkforskning under 1900-talet Linköping Electronic Conference Proceedings