Henry Dieckhoff
Bha An t-Athair Henry Cyril Dieckhoff (Ruisis: Генрих Кирилл Дикгоф) (Mosgo, 3 an t-Iuchar 1869 - Cille Chuimein, 5 an Lùnastal 1950[1]) 'na mhanach agus 'na chànanaiche Ruiseanach a bha a' fuireach ann an Abaid Chille Chuimein a-mach o 1891.[2] Rugadh e ann am Mosgo agus bha athair 'na aoghaire Lutheranach ach chuir e seachad cuid mhath dhe òige sa Ghearmailt a chionn 's gun robh a mhàthair 'na Caitligeach is cha b' urrainn dhaibh fuireach san Ruis tuilleadh.[3] Chaidh e dhan oilthigh ann am Berlin agus fhuair e an t-òrdugh naomh gun chead o na h-ùghdarrasan Ruiseach agus ri linn sin, b' fheudar dha teicheadh às an Ruis agus thàinig e a Shasainn an toiseach agus a dh'Alba an uairsin far an d'fhuair e fàilte mar bhràthair ann an Abaid Chille Chuimein ann an 1891.[3] Fhuair e inbhe sagairt sia bliadhna an dèidh sin ann an 1897.[3]
Henry Dieckhoff | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Moscobha, 3 dhen Iuchar 1869 |
Dùthaich | Impireachd na Ruise |
Bàs | Cille Chuimein, 5 dhen Lùnastal 1950 |
Foghlam | |
Cànain |
Gàidhlig Beurla Gearmailtis |
Dreuchd | |
Dreuchd | cànanaiche, sagart agus faclairiche |
Creideamh | |
Creideamh | Eaglais Chaitligeach |
Dh'ionnsaich e Gàidhlig ann agus rinn e sgrùdadh mionaideach air Gàidhlig Ghleanna Garradh a dh'fhoillsich e san fhaclair aige A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic.[4] Thug e bliadhnaichean 'ga sgrìobhadh eadar 1920 agus 1932.[3] Tha am faclair seo annasach a chionn 's gu bheil fuaimneachadh de gach facal ann, chan ann san tuiseal ainmneach a-mhàin ach san tuiseal ghinideach cuideachd a thaobh nan ainmearan.
B' fheudar dha na dotairean a leth-chas a thoirt dheth ann an 1947 agus cha b' urrainn dha coiseachd an dèidh sin. Thòisich e air sgeul a bheatha a sgrìobhadh an uairsin is chaochail e ann an 1950.[3]
Tùsan
deasaich- ↑ ScotlandsPeople
- ↑ Comann Seann Sgoilearan Sgoil Abaid Chille Chuimein
- ↑ 3.0 3.1 3.2 3.3 3.4 Boy from Moscow on Catholic Herald 11 dhen Lùnastal 1950
- ↑ Dieckhoff, H. A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic (1932)
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Craobh-sloinnidh
- Aiste mu Heinrich Wilhelm Dieckhoff, athair Cyril (sa Ruisis, td.12, agus Gearmailtis, td.13)