Elmar Ternes
'S e cànanaiche Gearmailteach a tha ann an Elmar Ternes.[1] Rugadh e ann an Trier 24 an t-Samhain 1941 agus fhuair e ceum dotair aig Oilthigh Saarbrücken ann an 1970 agus ollamhachd ann an 1977 's bha e 'na ollamh airson fòn-eòlas aig Oilthigh Hamburg eadar 1977 is 2007.[1][2] Tha a chuid rannsachaidh a' cur cuideam air fòn-eòlas, fuaim-eòlas, na cànain Cheilteach is cànanachas iomsgarach.[1] 'S e The Phonemic Analysis of Scottish Gaelic an leabhair ainmeil aige a thaobh rannsachadh na Gàidhlig sa bheil e a' toirt dealbh air fuaimean Gàidhlig na Comraich.[3]
Elmar Ternes | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Trier, 24 dhen t-Samhain 1941 |
Dùthaich | A' Ghearmailt |
Bàs | 16 dhen Ògmhios 2020 |
Foghlam | |
Foghlam | Saarland University (en) 1970) |
Cànain |
Gearmailtis Beurla Fraingis |
Dreuchd | |
Dreuchd | cànanaiche agus neach-teagaisg oilthigh |
Àitichean-obrach | Hamburg |
Fastaichean | Oilthigh Hamburg |
Leabhraichean
deasaich- Grammaire structurale du Breton de l'Ile de Groix: (dialecte occidental). Winter, Heidelberg (1970).
- The phonemic analysis of Scottish Gaelic: based on the dialect of Applecross, Ross-shire. Buske, Hamburg (1973)
- Probleme der kontrastiven Phonetik. Buske, Hamburg (1976).
- The phonemic analysis of Scottish Gaelic: based on the dialect of Applecross, Ross-shire. 2na deas. le barrachd fiosrachaidh. Buske, Hamburg (1989).
- Einführung in die Phonologie. 2na deas. le barrachd fiosrachaidh. Wissenschaftliche Buchgesellschaft, Darmstadt (1999).
- Brythonic Celtic – Britannisches Keltisch: from medieval British to modern Breton. Hempen, Bremen (2011).
Tùsan
deasaich- ↑ 1.0 1.1 1.2 Duilleag air luchd-cànanachais nan cànan Ceilteach aig Oilthigh Duisburg
- ↑ Wissen Verbindet[dead link]
- ↑ Ternes, E. The Phonemic Analysis of Scottish Gaelic (1989) Buske Verlag ISBN 3-87118-161-7
Ceanglaichean a-mach
deasaich