Slèite
'S e Slèite fear de na còig rubhan mòra a tha a' dèanamh còmhla an t-Eilean Sgitheanach.
Thàinig an t-ainm Sléite neo Sléibhte bhon fhacal Seann Lochlannais "sléttr", a tha a’ ciallachadh: "rèidh, sèimh". [1] An déidh 1981 dh' atharraich an t-ainm gu Slèite.
Seo cuid de na bailtean agus seann bhailtean ann an Sléite:
- Drum Fheàrna
- Ceann a’ Loch
- Dùisdeil Mhór
- Dùisdeil Bheag
- Eilean Iarmain
- Camas Cros
- An Cruard
- Bràigh an Ùird
- Torrabhaig
- An Cnoc
- An Teanga
- Sàsaig
- Fearann Dòmhnaill
- A’ Chill Mhór
- A' Chill Bheag
- Ostaig
- Armadal
- Àird a’ Bhàsair
- A' Chaligaraidh
- An Tòrr Mór
- Capasdal
- An Àird
- Rubha Shléite
- Càradal
- Na Gilean
- Achadh na Cloiche
- Tarsgabhaig
- Tòcabhaig
- An Òrd.
Tha a’ cholaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite.
Cruth na tìre
deasaich- Faic cuideachd: Liosta nan lochan ann an Slèite
Tha mòran lochan ann an Slèite. 'S Loch nan Uamh am fear as motha a th' ann, tha e cho mòr ri 26.7 ha (66 acair).[2] Tha e suidhichte ann am meadhan Slèite, faisg air Loch Dhùghaill (20.8 ha (51.4 acair)), an treasamh loch as motha ann an rubha seo.[3] Deas air an dà loch tha Loch a' Ghlinne ann agus le fharsaingeachd de 26.6 ha (65.7 acair) tha e dìreach beagan nas lugha na Loch nan Uamh.[4]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Iain Mac an Tailleir "Ainmean-Àite", duilleag 105, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ “Loch nan Uamh”. UK Lakes Portal. UK Centre for Ecology and Hydrology. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2023.
- ↑ “Loch Dhùghaill”. UK Lakes Portal. UK Centre for Ecology and Hydrology. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2023.
- ↑ “Loch a Ghlinne”. UK Lakes Portal. UK Centre for Ecology and Hydrology. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2023.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Urras Choimhearsnachd Shlèite
- Comhairle Coimhearsnachd Shlèite
- Comunn Eachdraidh Shléite
- Ainmean-àite ann an Sléite
- Sabhal Mòr Ostaig
- Bun-sgoil Shléite
- Taigh-òsta Eilean Iarmain
- Ionad Chloinn Dòmhnaill
- Seirbheisean eaglaise ann an Sléite
- Seall
- Seanchas Shlèite - agallamhan ann an 2007 ri luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Slèite
- BBC Naidheachdan 2015-11-19: Co-dhùnadh a dhìth air Aiseag Shlèite
- BBC Naidheachdan 2020-07-04: Comraich do chraobhan ann an Slèite
Loch Àrd • Loch Aruisg • Loch Barabhaig • Loch nan Clach • Loch Dhùghaill • Lochan Doiragat • Loch na Doireanach • Lochan Dubh • Loch nan Dùbhrachan • Loch Fada • Locha Fada Ghasgain • Lochan Fada • Loch Ghabhsgabhaig • Loch a' Ghlinne • Loch Horabhaig • Loch an Iasgaich • Loch an Ime • Loch Ic Iain • Loch Lamascaig • Loch Meadal • Loch Mhic Charmhiceil • Loch Nighean Fhionnlaidh • Loch an t-Seilich • Loch Sgùrr na Caorach • Loch an Tuim • Loch nan Uamh