Loch nan Uamh
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch nan Uamh.[1] Tha e suidhichte ann an Slèite, an t-Eilean Sgitheanach. Tha tòrr bheanntan timcheall air an loch, tha Sgùrr na h-Iolaire (292 m) san àird a iar-thuath agus Maol Buidhe (233 m) san ear-dheas dheth. Mu thuath tha Loch an Tuim agus Loch Àrd ann.
Co-chomharran: 57°06′17″N 5°54′36″W / 57.104600°N 5.910000°W
Tha Loch nan Uamh cho mòr ri 66 acair. 'S e 3 km (1.8 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 877 m a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Chan eil eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 177 m (581 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 2.8 km (1.8 mìle) air falbh bhon mhuir. Tha Allt Loch nan Uamh a' ruith eadar an loch seo agus Loch Dhùghaill a tha suidhichte san taobh an iar dheth.
Chan eil duine sam bith a' fuireach air bruach Loch nan Uamh. Mar sin chan eil rathaidean ann a leanas chun an locha.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG633083
Loch Àrd • Loch Aruisg • Loch Barabhaig • Loch nan Clach • Loch Dhùghaill • Lochan Doiragat • Loch na Doireanach • Lochan Dubh • Loch nan Dùbhrachan • Loch Fada • Locha Fada Ghasgain • Lochan Fada • Loch Ghabhsgabhaig • Loch a' Ghlinne • Loch Horabhaig • Loch an Iasgaich • Loch an Ime • Loch Ic Iain • Loch Lamascaig • Loch Meadal • Loch Mhic Charmhiceil • Loch Nighean Fhionnlaidh • Loch an t-Seilich • Loch Sgùrr na Caorach • Loch an Tuim • Loch nan Uamh