Co-chomharran: 57°05′14″N 5°59′26″W / 57.087100°N 5.990600°W / 57.087100; -5.990600

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Nighean Fhionnlaidh.[1][2] Tha e suidhichte deas air Tarsgabhaig ann an Slèite, an t-Eilean Sgitheanach. Tha a' bheinn Sgùrr Breac (249 m) na laighe san ear dheth.

Sealladh air Loch Nighean Fhionnlaidh
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Nighean Fhionnlaidh
Suidheachadh Loch Nighean Fhionnlaidh anns an Eilean Sgitheanach

Tha an loch seo cho mòr ri 2.9 ha (7.2 acair). 'S e 0.8 km (0.5 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 250 m a dh'fhad san àite as dìriche.[2] Chan eil eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 98 m (322 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 1 km (0.7 mìle) air falbh bhon mhuir. Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach à Loch Nighean Fhionnlaidh chun an iar tron Gharbh-allt don mhuir.

Chan eil duine sam bith a' fuireach faisg air Loch Nighean Fhionnlaidh agus mar sin chan rathaidean ann a leanas chun na locha seo.

Canar gun d' fhuair an loch seo an t- ainm air sgàth 's gun deach nighinn Fhionnlaidh a bhàth ann leis athair air sgàth 's gun robh i trom.[1]

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Ainmean-àite aig Comunn Eachdraidh Shlèite
  2. 2.0 2.1 Fiosrachadh aig British Lakes[dead link]

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG583066