Loch Dhùghaill
Is dòcha gu bheil thu a’ lorg Loch Dùghaill ann an Srath Carrann.
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
---|---|
Sgìre riaghaltais ionadail | Gàidhealtachd, Slèite |
Siorrachd eachdraidheil | Siorrachd Inbhir Nis |
Suidheachadh cruinn-eòlais | Slèite |
Domhan-leud is -fhad | 57°6′9″N 5°56′29″W |
Comharran-cléithe SO | NG614082 |
Co-chomharran: 57°06′09″N 5°56′29″W / 57.102400°N 5.941500°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Dhùghaill.[1][2] Tha e suidhichte ann an Slèite, an t-Eilean Sgitheanach faisg air an rathad eadar Tarsgabhaig is an Talla Mòr, an t-seann togalach aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha tòrr bheanntan timcheall air an loch, tha Sgùrr na h-Iolaire (292 m) san àird a thuath agus Doire na h-Achlais (267 m).
Tha Loch Dhùghaill cho mòr ri 51.4 acair. 'S e 2.2 km (1.4 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 675 m a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Chan eil ach dà eilean beag anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 126 m (413 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 2.7 km (1.7 mìle) air falbh bhon mhuir. Tha Allt Loch nan Uamh a' ruith eadar an loch seo agus Loch nan Uamh a tha suidhichte san taobh an ear air Loch Dhùghaill. Chan eil duine sam bith a' fuireach faisg air Loch Dhùghaill.
Dealbhan
deasaichIomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG613081
Loch Àrd • Loch Aruisg • Loch Barabhaig • Loch nan Clach • Loch Dhùghaill • Lochan Doiragat • Loch na Doireanach • Lochan Dubh • Loch nan Dùbhrachan • Loch Fada • Locha Fada Ghasgain • Lochan Fada • Loch Ghabhsgabhaig • Loch a' Ghlinne • Loch Horabhaig • Loch an Iasgaich • Loch an Ime • Loch Ic Iain • Loch Lamascaig • Loch Meadal • Loch Mhic Charmhiceil • Loch Nighean Fhionnlaidh • Loch an t-Seilich • Loch Sgùrr na Caorach • Loch an Tuim • Loch nan Uamh