Co-chomharran: 57°07′15″N 5°49′38″W / 57.120800°N 5.827200°W / 57.120800; -5.827200

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Barabhaig [1], ainm eile: Loch Bharabhaig.[2] Tha e suidhichte ann an Slèite, an t-Eilean Sgitheanach beagan air falbh bhon rathad A851 eadar Dùisdeil Beag is an Teanga. Tha Loch an Ime san iar agus Camas Barabhaig san ear dheth.

Sealladh air Loch Barabhaig
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Barabhaig
Suidheachadh Loch Barabhaig anns an Eilean Sgitheanach

Tha Loch Barabhaig cho mòr ri 27.4 acair. 'S e 1.4 km (0.9 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 479 m a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Chan eil eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 68 m (223 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 0.8 km (0.5 mìle) air falbh bhon mhuir. Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach às an loch tro alt goirid do dh'Allt nan Geall-chàrn.

Chan eil duine sam bith a' fuireach air bruach Loch Barabhaig. Mar sin chan eil rathaidean ann chun an locha.

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Fiosrachadh aig British Lakes[dead link]
  2. Ainmean-àite aig Comunn Eachdraidh Shlèite

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG684098