'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch na Doireanach[1], ainmean eile: Loch an Doirreanaich[2] is Loch na Doireanaich[2]. Tha e suidhichte ann an Slèite, an t-Eilean Sgitheanach. Tha Loch Meadal san àird an ear dheth.

Sealladh air Loch na Doireanach
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch na Doireanach
Suidheachadh Loch na Doireanach anns an Eilean Sgitheanach

Co-chomharran: 57°07′38″N 5°54′20″W / 57.127100°N 5.905600°W / 57.127100; -5.905600

Tha Loch nan Dùbhrachan cho mòr ri 21.5 acair. 'S e 1.5 km (0.9 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 454 m a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Chan eil eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 158 m (518 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 3.1 km (1.9 mìle) air falbh bhon mhuir. Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach às an loch tro Allt an Stuic.

Chan eil duine sam bith a' fuireach air bruach Loch na Doireanach. Mar sin chan eil rathaidean ann a leanas chun an locha.

Thàinig an t-ainm bho "Loch Doir’ an Eich". A rèir beul-aithris nochd each-uisge ann an cruth caillich an seo bho àm gu àm. Air sgàth 's gun do mharbh an t-each-uisge na caileagan ann an Gleann Sasaig chaidh a chur às le muinntir na sgìre.[2]

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Fiosrachadh aig British Lakes[dead link]
  2. 2.0 2.1 2.2 Ainmean-àite aig Comunn Eachdraidh Shlèite

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG637107