'S e clachan a tha ann an Eilean Iarmain (Beurla: Isleornsay). Tha e suidhichte san àird an ear leth-eilean Slèite anns an Eilean Sgitheanach a' coimhead thar Linne Shlèite gu cnuic Chnòideart. Tha e mu 7 mìltean (11 cilemeatair) air falbh bhon Àth Leathann. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 8′ 44.48″ Tuath agus 5° 48′ 32.47″ Iar.

Eilean Iarmain
An taigh taisbeanadh: “an Talla Dearg”

Tha acarsaid nàdarra aige, a thoiseach mar port-mara airson sgadain aig toiseach an 19mh linn. An uair sin dh’fhàs Eilean Iarmain ainmeil mar àite far an robh na bàtaichean à Glaschu a’ stad. Ann an 1820 chaidh a' chiad taigh-beag poblach den Eilean Sgiathanach a thogail an seo. [1] Faisg air a’ chidhe tha an taigh-òsda The Isle Ornsay Hotel agus an taigh taisbeanadh: “an Talla Dearg”. Chaidh an taigh-òsda a thogail anns a' bhliadhna 1888 agus tha e aig Sir Iain Noble a-nis.

Ma bhios a' mhuir air falbh, s' urrainnear coiseachd bho Eilean Iarmain gu Eilean Orasaigh, eilean beag dìreach ri a thaobh. Tha taigh-solais Orasaigh suidhichte ann an Eilean Sionnach, mu cilemeatair san àird an ear dheth.

'S e Eilean Iarmain neo Eilean Dhiarmaid an t-ainm a tha air an àite seo. [2] Canar cuid gur e Eilean Dhiarmaid an t-ainm a bh' air bho thus a-rèir Diarmad, gaisgeach ainmeil a bha ann còmhla le Fionn agus Oisean. A-rèir beul-aithris bha Cu Chulainn ann cuideachd. [3]

Iomraidhean

deasaich
  1. Gazetteer for Scotland[dead link]
  2. "Placenames", duilleag 67, Pàrlamaid na h-Alba
  3. Eachdraidh an àite (Gàidhlig)

Ceanglaichean a-mach

deasaich