'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Lamascaig.[1][2] Tha e suidhichte ann an Slèite, an t-Eilean Sgitheanach. Tha Loch an t-Seilich san iar-dheas agus Loch Sgùrr na Caorach san ear-dheas dheth. Tha e na laighe eadar Bealach na Ceardaich is Sgùrr nan Caorach.

Sealladh air Loch Lamascaig

Co-chomharran: 57°03′38″N 5°59′25″W / 57.060500°N 5.990200°W / 57.060500; -5.990200

Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Lamascaig
Suidheachadh Loch Lamascaig anns an Eilean Sgitheanach

Tha Loch Lamascaig cho mòr ri 9.9 acair. 'S e 1 km (0.6 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 378 m a dh'fhad san àite as dìriche.[2] Tha trì eileanan beaga anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 138 m (453 troigh) os cionn na mara agus tha e mu mhìle (1.6 km) air falbh bhon mhuir.

Chan eil duine sam bith a' fuireach air bruach Loch Lamascaig. Mar sin chan eil rathaidean ann a leanas chun an locha seo.

Iomraidhean

deasaich
  1. Ainmean-àite aig Comunn Eachdraidh Shlèite
  2. 2.0 2.1 Fiosrachadh aig British Lakes

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG581036