'S e a' phìob-mhòr an seòrsa pìoba as cumanta ann an Albainn agus san t-saoghal. Tha seannsair oirre, leis a chluichear na puirt, trì dosan (dà dhos beag no tenor, agus beus) agus ribheid no goth sònraichte air gach pàirt airson an fhuaim a dhèanamh. Thathar a' dèanamh dheth gur ann bhon 17mh Linn a tha na trì dosan agus seannsair air an aon mhala phìoba, aig an àm a bha na pìobairean dha-rìreabh cudromach ann an sòisealtas Gàidhealach, 's a bha teaghlaichean cliùiteach de phìobairean a' cumadh stòidhle ciùil sònraichte ris an canar ceòl mòr, m.e. na MicCriomain, na h-Artaraich, na MicFhraing no na Griogaraich. An dèidh Bhlàr Chùil Lodair chaidh na cleachdaidhean Gàidhealach ann an cruaidh-chàs, ach dh’fhàs i gu math cumanta a-rithist, gu h-àraid bhon 19mh Linn, mar inneal-ciùil cleachdte anns an arm Bhreatannach gus na saighdearan a bhrosnachadh air a bhlàr, agus mar riochdaire a' chiùil Albannaich aig an àm a bha an dualchas Gàidhealach a' fàs measail am measg nan romansach. San latha an-diugh tha ceudan de chòmhlanan-pìoba, gu sònraichte ann an Albainn, Èirinn agus Aimearaga a Tuath, agus bidh co-fharpaisean gan comharrachadh air feadh an t-saoghail.

Màidsear-pìoba

Cluicheadairean Ainmeil

deasaich

Leabhar-chlàr

deasaich
  • The Book of the Bagpipe. Le Ùisdean Cheape. National Museums Scotland, Dùn Èideann, 2008
  • Bagpipes. A National Collection of a National Instrument. Le Ùisdean Cheape. The Appletree Press, Beul Feirste, 1999

Faic cuideachd

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich