Seòna Robasdan
'S e neach-poileataigs Albannach agus Rùnaire a' Chaibineit ann an Riaghaltas na h-Alba a tha ann an Seòna Robasdan, BPA (Beurla: Shona Robison).
Rugadh i ann an Redcar agus thogadh i ann an Siorrachd Chlach Mhanainn. Bha i na sgoilear aig Acadamaidh Alamhagh[1] Bha i na h-oileanach aig Oilthigh Ghlaschu agus dh'ionnsaich i foghlam choimhearsnachd aig Colaiste Cnoc Iòrdain.
Chaidh i na BPA airson Dùn Dè an Ear ann an 2003 an dèidh dhi a dhol na ball liosta airson Ear-Thuath na h-Alba ann an 1999 agus bha i na Rùnaire a' Chaibineit airson Slàinte agus Spòrs eadar 2014 is 2018 nuair an do chrath Nicola Sturgeon a caibineit.[2]
Tha i na ball den Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.
Beatha phearsantaDeasaich
Tha i pòsta aig Stewart Hosie, leas-cheannard Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba agus BP airson Dùn Dè an Ear ach tha iad dealaichte a-nis.[3]
Ceanglaichean a-machDeasaich
- Pàrlamaid na h-Alba: Shona Robison (Beurla)
- They Work for You: Shona Robison (Beurla)
IomraidheanDeasaich
- ↑ “Cabinet Secretary for Health and Wellbeing”. Riaghaltas na h-Alba. Air a thogail 31mh dhen Chèitean 2016.
- ↑ “Shona Robison quits as Nicola Sturgeon reshuffles cabinet”, BBC News. 26mh dhen Ògmhios 2018. Air a thogail 29mh dhen Ògmhios 2018.
- ↑ “SNP husband and wife Stewart Hosie and Shona Robison separate” (Beurla), An t-Albannach. 17mh dhen Chèitean 2016. Air a thogail 31mh dhen Chèitean 2016.
Buill sgìreil | Graeme Dey (Aonghas a Deas) • Mairi Gougeon (Aonghas a Tuath agus a' Mhaoirne) • Seòna Robasdan (Baile Dhùn Dè an Ear) • Joe FitzPatrick (Baile Dhùn Dè an Iar) • Audrey Nicoll (Obar Dheathain a Deas agus Ceann Chàrdainn) • Kevin Stewart (Obar Dheathain Meadhain) • Jackie Dunbar (Obar Dheathain Oir Dheathain) • Karen Adam (Siorrachd Bhanbh agus Oirthir Bhùchainn) • Gillian Martin (Siorrachd Obar Dheathain an Ear) • Alexander Burnett (Siorrachd Obar Dheathain an Iar) |
Buill liosta | Maggie Chapman • Maurice Golden • Douglas Lumsden • Michael Marra • Mercedes Villalba • Tess White |