B' e ceòl-sgrìobhaiche, sgrùdair ciùil, neach-aithris agus neach-teagaisg à Iosrael/An Ucràin a bh' ann an Joel Engel (ainm-breithe: Yuliy Dmitrovich Engel, Ucràinis: Енгель Юлій Дмитрович, Ruisis: Энгель Юлий Дмитриевич, Eabhra: יואל אנגל). Rugadh e ann am Berdiansk air 28 an Giblean 1868 agus chaochail e ann an Tel Aviv air 11 an Gearran 1927.[1] Anns a' chiad dol a-mach, dh' ionnsaich Engel lagh aig Oilthigh Kharkiv agus teòiridh ciùil còmhla ri Andrejs Jurjāns san sgoil theicnigeach an sin. Ann an 1893 mhol Tchaikovsky gun deidheadh e dhan sgoil-ciùil ann am Mosgo, far an do chuir e crìoch air a chuid ionnsachaidh ciùil: fhuair e trèanadh ann an sgrìobhadh-ciùil fo Mhikhail Ippolitov-Ivanov agus ann an contra-phuing fo Shergei Taneyev, agus thug e ceum ann an 1897.

Joel Engel
Beatha
Breith Berdiansk, 16 dhen Ghiblean 1868 (Julian)
Dùthaich Mandat na Palastain
Impireachd na Ruise
Cinneadh Iùdhaich
Bàs Tel Aviv, 11 dhen Ghearran 1927
Àite-adhlacaidh Trumpeldor cemetery (en) Translate
Foghlam
Foghlam Moscow Conservatory (en) Translate
National University of Kharkiv (en) Translate
Cànain Ruisis
Iùdais
Dreuchd
Dreuchd ceòl-sgrìobhaiche, sgrùdair ciùil, neach-teagaisg, eòlaiche-ciùil, ethnomusicologist (en) Translate agus neach-naidheachd
Fastaichean National University of Kharkiv (en) Translate

Às deidh dha ceumnachadh, dh' obair e airson còrr is 20 bliadhna mar neach-breithneachaidh ciùil sa phàipear-naidheachd làitheil Московские ведомости (Gàidhlig: Naidheachdan Mosgo). Dh'fhoillsich e cuideachd dreach an Riemann Musiklexikon (Gàidhlig: faclair-ciùil Riemann) sa Ruisis. Ann an 1900 thòisich Engel òrain dùthchail Iùdhach às An Ruis chruinneachadh agus cheartachadh. Ann an 1908 ann an Sankt Peterburg stèidhich e buidheann sgrìobhadairean-ciùil den aon seòrsa inntinn (Solomon Rosowsky (18781962) agus Lazare Saminsky (18821959) nam measg) air an robh Comann airson Ciùil Dùthchasaich Iùdhaich (Ruisis: Общество еврейской народной музыки).

Às deidh sin sgrìobh Engel tuilleadh rèiteachaidhean de bheul-aithris Iùdhach agus thòisich iad air na cuirmean aca san Ruis.[2] Ann an 1912 chaidh e còmhla ris an sgrìobhadair agus neach-eòlais Salomon An-ski (1863 - 1920) air turas gus òrain dhùthchail a chruinneachadh air feadh Ranntair Tuineachdadh nan Iùdhach (Ruisis: Полоса оседлости). Às dèidh Ar-a-mach an Dàmhair 1917, dh' obair e aig Coimiseanaireachd airson Foghlaim an t-Sluaigh (Ruisis: Народный комиссариат просвещения) agus theagaisg e san Sgoil-ciùil ann am Mosgo. Rinn Engel ceòl fosglaidh airson an dràma Der Dibbuk (Iùdais: דער דִבּוּק), air a sgrìobhadh le An-Ski. Choisinn Engel deagh chliù tron ​​cheòl tuiteamach aige airson an dreach Eabhra den obair seo, a chaidh a dhèanamh airson a' chiad turas ann an 1922 san Taigh-cluiche Iùdhach Habimah ann am Mosgo.

Chaidh Engel dhan a' Ghearmailt ann an 1922. Fhad 's a bha e ann am Berlin bha e an sàs ann a bhith a' stèidheachadh taigh-foillseachaidh air an robh Companaidh Foillseachaidh Juwal airson Ciùil Iùdhaich (Gearmailtis: Juwal Verlagsgesellschaft für jüdische Musik ) agus ghabh e thairis a stiùir ealanta. Ann an 1924 rinn Engel eilthireachd gu Palastain. An sin theagaisg e san Sgoil Chiùil Shulamith ann an Tel Aviv agus rinn e ceòl tuiteamach airson Taigh-cluiche Ohel. Chaochail e ann an Tel Aviv ann an 1927.[3]

Iomraidhean

deasaich
  1. Lucy S. Dawidowicz Nurse, ([[1996]), The Golden Tradition: Jewish Life and Thought in Eastern Europe, Syracuse University Press, ISBN 978-0-8156-0423-5.
  2. Weisser, Albert (1983), The Modern Renaissance of Jewish Music, Da Capo Press, ISBN 0-306-76207-2.
  3. Irene Heskes (1998), The St. Petersburg Society for Jewish Folk Music: The Legacy from Russia, Tara Publications, ISBN 0-933676-84-0.