Berdiansk
Бердя́нськ
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Zaporizka Oblast
Sgìre Berdianska Mista Rada
Co-chomharran 46° 45 20' Tuath
36° 47 20' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 82.65 km²
Àireamh-shluaigh 107,928 (2021)
Dlùths 1,305.84/km²
Àireamh fòn + 380 6153
Duilleag oifigeil Duilleag Ainmeil

'S e baile mòr agus port cudromach faisg air Zaporizhzhia agus Melitopol anns An Ucràin a th' ann am Berdiansk (Ucràinis: Бердя́нськ, Pòlais: Berdiańsk, Karaim: Berde, IPA: berˈdʲɑnʲsʲk). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, aig inbhir na h-Aibhne Berda air a' Mhuir Azov, san roinn Zaporizka Oblast. Tha 107,928 duine a' fuireach ann.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1673 mar Kutur-Ogly, ach chaidh an t-ainm atharrachadh gu Novo-Nogaisk (Gàidhlig: Baile Nogai Ùr) ann an 1830. B' ann ann an 1835 a ràinig a' chiadh long bho thall thairis chun a' phuirt.[1] Bha am baile fo sgàile agus fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1941 agus 1943. Chanadh Osypenko ris eadar 1939 agus 1958 mar urran air a' phaidhleat Polina Osipenko a rugadh ann an Novospasivka, 22km air falbh o Bherdiansk fhèin. Ann an 1991, thàinig Berdiansk gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Thuit am baile gu feachdan na Ruise air 27 an Gearran 2022 ri linn Ionnsaigh na Ruise air an Ucràin,[2] ach chuir feachdan na h-Ucràine soitheach Ruiseanach, air an robh Saratov, fodha sa phort air 24 am Màrt 2022.

Eòlas-sluaigh

deasaich

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis (75.27%) a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann am Berdiansk a' bruidhinn, ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (23.96%) cuideachd.[3] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann am Berdiansk tron 19mh Linn, leis gur e port eadar-nàiseanta cudromach 's a bh' ann, cha b' ann ach àn dèidh An Dàrna Cogaidh a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[4] A dh'aindeoin sin, tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann am Berdiansk air thuiteam fad na 21mh Linn.

Leasachadh Àireamh-sluaigh a' Bhaile[5]
1838 1873 1897 1900 1913 1920 1926* 1939* 1959*
3200 20 800 26 500 27 200 35 000 37 000 26 000 51 700 65 249
1970* 1979* 1989* 1996 2001* 2008 2009 2010 2012
100 133 122 109 132 644 135 000 121 692 117 836 117 787 117 517 115 857

Gnàth-shìde

deasaich

Tha gnàth-shìde a' bhaile agus na sgìre a tha mu timcheall air faisg air a bhith measarra, le tòrr làithean fada tioram, teth, grianach as t-samhradh, agus rud beag sneachd goirid, aotrom, tlàth, agus tric a' leaghadh sa gheamhradh. 'S ann eadar 8.0 ° С gu 11.7 ° С 's a tha an teòthachd chuibheasach bhliadhnail, gu cuibheasach thar iomadh bliadhna tha e 9.8°С. Is e an t-Iuchar am mìos as blàithe agus teòthachd a' ruigsinn 23.1 ° C, agus am Faoilleach am mìos as fhuaire leis an teòthachd a' tuiteam gu -2.9°C. A thaobh shileadh, tha Berdiansk na phàirt sgìre far a bheil le taiseachd gu leòr ann. Tha an ìre silidh cuibheasaich bliadhnaile a' ruigsinn 467mm.[6]

Daoine Ainmeil

deasaich

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Berdyanskuvchs
  2. Факти
  3. Ukcensus
  4. Harrison, M, The Soviet Union after 1945: Economic Recovery and Political Repression, Oilthigh Warick, Coventry, 2010.
  5. World Gazeteer
  6. Climate Data
  7. Ковпаненко Н. Г., Ханко В. М. Сластіон Опанас Георгійович, Енциклопедія історії України, редкол.: В. А. Смолій (голова) та ін. ; Інститут історії України НАН України. — К.: «Наукова думка», 2012. — Т. 9: Прил — С. — С. 626. — ISBN 978-966-00-1290-5.

Ceanglaichean a-mach

deasaich