Akranes
Akranes
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||
Sgìre | Vesturland | ||||
Co-chomharran | 64° 18' 56 Tuath 22° 5' 17 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 9 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 7,411 (2019) | ||||
Dlùths | 823.44/km² | ||||
Àireamh fòn | + 354 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile agus port air an àirde an iar Innis Tìle a th' ann an Akranes (IPA: aːkraˌnɛːs).[1] Tha e suidhichte faisg air Reykjavík, dìreach aig ìre na mara,[2] san roinn Vesturland (Roinn an Iar), ri taobh an Loch Mara Hvalfjöður, 350km air falbh bho Akureyri agus 90km bho Selfoss.[3] Tha 7,411 duine a' fuireach sa bhaile.[4] 'S e an seachdamh baile as motha na dùthcha an dèidh Reykjavík, Kópavogur, Hafnarfjörður, Akureyri, Garðabær agus Mosfellsbær a th' ann an Akranes. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðvesturkjördæmi.[5]
Eachdraidh
deasaichChaidh Akranes a chlàradh airson a'chiad turais anns 15mh caibideil dhen Landnámabók anns an 9mh linn, nuair a ràinig fear air an robh Þormóður (Gàidhlig: Tormod) à Èirinn.[6] Anns na meadhan-aoisean suas gu 1602 bha ionad-malairt aig an Hansa anns a' Bhàgh Krossvík.[7] Anns an 19mh linn, thòisich tuineachaidhean bailteil a' tighinn timcheall air seòladh mara agus a' malairt air rubha na luinge an ear air an rubha. Ann an 1885, chaidh co-dhùnadh an Akraneshreppi a roinn ann an dà leth air sgàth ùidhean eadar-dhealaichte sgìrean bailteil agus dùthchail. Thàinig e gu bhith na bhaile làn bhùthan airson na sgìre air fad. Fhuair Akranes a chuid chòirichean ann an 1942. Tha taigh-gnìomhachais saimeant anns a' bhaile, a tha air a bhith ag obair o na 60an agus ann an Grundartangi astar goirid bhon bhaile tha leaghadair a tha air a bhith ag obair bho 1998. Chaidh an tunail Hvalfjarðar (Innis Tìlis: Hvalfjarðargöngin) a stèidheachadh ann an 1998, a tha na phrìomh dhòigh còmhdhail airson Akranes agus ghiorraich e gu mòr an t-slighe gu Reykjavik.
Freumh-fhaclachd
deasaichTha an t-ainm a' ciallachadh Rubha an Achaidh sa chànan aca, bho Akar (Achadh) agus Ness (Rubha).
Daoine Ainmeil
deasaich- Jón Óskar Ásmundsson (1921–1998): Bàrd.
- Edda Heiðrún Backman (1957–2016): Actair.
- Haraldur Benediktsson (1966): Neach-poileataigs.
- Bergþór Ólason (1975): Neach-poileataigs.
- Þórhildur Sunna Ævarsdóttir (1987): Neach-poileataigs.
- Þórdís Kolbrún R. Gylfadóttir (1987): Neach-poileataigs.
Bailtean Co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Iceland Road Guide[dead link]
- ↑ Falling Rain
- ↑ Global Feed Distance Calculator
- ↑ Hagstofa Íslands
- ↑ Alþingi
- ↑ Snerpa
- ↑ Íslandshandbókin. Náttúra, saga og sérkenni. 1. bindi. Hg. T. Einarsson, H. Magnússon. Örn og Örlygur, Reykjavík 1989, 100