Austurland
Austurland | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Innis Tìle |
Prìomh-bhaile | Egilsstaðir |
Siorrachdan Traidiseanta | Austur-Skaftafellssýsla, Norður-Múlasýsla Suður-Múlasýsla |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 22,721 km² |
Àireamh-shluaigh | 15,300 (2018) |
Dlùths | 0.67/km² |
Duilleag oifigeil | Austurland |
'S e roinn ann an Innis Tìle a th' ann an Austurland (Gàidhlig: Tìr a Ear ainm neo-fhoirmeil: Austfirðir).[1] Tha e suidhichte air an àirde an ear na dùthcha, eadar Norðurland eystra agus Suðurland. 'S e Egilsstaðir a th' anns a' bhaile as motha na roinne, far a bheil a cuid rianachd phoblaich suidhichte.[2]
Eachdraidh
deasaichEadar 965 agus 1874 bhuinneadh a' mhòr-cuid dhen talamh ann an Austurland gu landsfjórðungur (Gàidhlig: Cairteal) air an robh Austfirðingafjórðungur.[3] Bha sgìrean mòra air an àirde an ear na roinne ann an Norðlendingafjórðungur cuideachd. 'S ann aig ìre nam bailtean s' a thathar a' toirt seachad na rianachd phoblaich an latha an-diugh, ged a thathar a' cleachdadh nan roinnean airson anailise stadastaigeil. B' e roinn-phàrlamaid a th' ann an Austurland gu ruige 2003 cuideachd, nuair a chaidh na sia roinnean-phàrlamaid a th' ann a-nis a stèidheachadh.[4]
Daoine Ainmeil
deasaich- Halldór Ásgrímsson: (1947 - 2015) - Neach-poileataigs.
- Nína Tryggvadóttir: (1913 - 1968) - Neach-ealain.
- Sigmar Vilhjálmsson: (1977) - Craoladair.
Bailtean
deasaichÀireamh-sluaigh
deasaichSeo mar a tha àireamh-sluaigh na roinne air atharrachadh fad nam bliadhnaichean agus an taca ris an còrr dhen dùthaich.[5] Thuit an uiread dhaoine a tha san roinn an dèidh a' Chogaidh agus an uair sin aig toiseach na 21mh Linn, ach tha e a-nis nas àirde na bha e a-riamh.
Bliadhna | Àireamh-sluaigh | % Nàiseanta |
1920 | 10245 | 10,85 % |
1930 | 10545 | 9,71 % |
1940 | 10 220 | 8,41 % |
1950 | 9 848 | 6,85 % |
1960 | 9848 | 5,78 % |
1970 | 11315 | 5,53 % |
1980 | 12856 | 5,56 % |
1990 | 13216 | 5,13 % |
2000 | 11768 | 4,13 % |
2007 | 13901 | 4,41 % |
Siorrachdan ann an Austurland
deasaichTha trì sheann shiorrachd ann an Austurland: Austur-Skaftafellssýsla, Norður-Múlasýsla agus Suður-Múlasýsla.
-
Vatnajökull.
-
Lögurinn.
-
Vopnafjörður.
-
Höfn.
-
Seyðisfjörður.
-
Fjarðarheiði.
-
Breiðablik.
-
Reydarfjördur.
-
Helgustaðir.