B' e Crìosdachadh Innise Tìle (Innis-Tìlis: Kristnitakan air neo Togail Chrìosd) an t-àm ann an eachdraidh na dùthcha, nuair a chaidh a chur an gnìomh gum bu chòir dha na daoine Crìosdaidheachd an àite Pàganachd Lochlannach leanntainn mu dheireadh thall. An taca ris an corr dhen Roinn-Eòrpa thàinig Crìosdaidheachd gu math fadalach gu Innis Tìle agus gu Lochlann air fad. Stèidhichte mar chreideamh na stàite on uair sin, bha Crìosdaidheachd na chreideamh oifigeil na dùthcha on bhliadhna 999 air adhart. A dh’aindeoin sin, tha fianais ann gur robh corra manach à Èirinn ann an corra àite air an eilean fiù' s mus tug na Lochlannaich seilbh air an talamh sin, san 9mh Linn. B' e iad seo na papar a tha a' nochdadh sa chiad chabideil dhen landnámabók[1] (Gàidhlig: Leabhar Gabhail na Tìre).

Miseanan

deasaich

Goirid ron bhliadhna 1000, thàinig easbaig à Sagsainn, air an robh Fridrekur, a dh' Innis Tìle, o chionns gun d' fhuair e taic bho Þorvald Ruadh, a chaidh a bhaisteadh leis an easbaig.[2] Cha do rinn iad mòran adhartais anns an rùn Crìosdail aca, ach choisrig an t-easbaig eaglais ann an Hjaltadalur. Tha an eachdraidh ag ràdh gun do chuir Olaf Tryggvason, Rìgh Nirribhidh, Stefni Þorgilsson ann gu Kjalarnes aig an toiseach tòisichidh gus Crìosdaidheachd a shearmonachadh san tìr. Ann an Íslendingabók (Gàidhlig: Leabhar Innis Tìle), thuirt fear air an robh Ari gun do chuir Rìgh Olaf an sagart Þangbrandur an seo.[3] Thuirteadh gu robh Þangbrandur air a bhith ann an Innis Tìle airson còrr air bliadhna, agus gun tug e baisteadh am measg eile gu Hjalta Skeggjason à Þjórsárdalur agus Gissur Hvita Teitsson à Mosfell.[4] Cuideachd mharbh e dithis no triùir fhireannach a dh' èignich e. Chaidh Hjalti Skeggjason a ghairm na uachdaran airson diathan no naomh-mhallachd aig an Alþingi.

Giallan

deasaich

Tha an sgeulachd ag innse dhuinn gun do thill Þangbrandur gu Olaf agus gun do dh ’innis e dha nach robh mòran chreideas aige gun gabhadh Innis Tìle ri Crìosdaidheachd. An uairsin dh' feumadh Olaf a bhith feargach. Thuirteadh san Sàga Laxdalur gun do chùm Rìgh Olaf Tryggvason à Nirribhidh ceathrar mhac de luchd-aoigheachd mar ghiallan gus Crìosdaidheachd a bhrosnachadh. B' iad Kjartan Ólafsson, Halldór Gudmundursson, Kolbeinn mac Þórðar Freysgoða agus Sverting mac Runolf à Dal.

Sealladh an Althingi

deasaich

Tha an sgeulachd ag ràdh gun robh làbha a' sruthadh ann an Hellisheidi, àite a tha pìos beag air falbh bho Þingvellir agus an làbha a bha seo ag amas air sgrios a dhèanamh air baile air choireigin san sgìre a bhuinneadh do phrionnsa Crìosdaidh. Bha na daoine uaisle a' creidsinn gur e comharra a bha seo gu robh na diathan Lochlannach feargach. An uairsin thuirt Snorri Þorgrímsson à Helgafell: “Cò mu dheidhinn a bha na diathan feargach, an uairsin a bheil an làbha air a losgadh an seo, càite a bheil sinn a-nis?” Agus bhathar a’ smaoineachadh gun robh esan a’ sealltainn gu robh ciall mhòr aige. B' e gu robh an neach-lagha Þorgeir Ljósvetningagaó Þorkelsson a' dìon nan cinneach agus le sin thionndaidh Hall Þorsteinsson à Þvottá gu Crìost. Dh' aontaich Hall agus Þorgeir gum bu chòir laghan a chuir an gnìomh a dh’ fhaodadh a h-uile duine cumail ris.

Torraidhean

deasaich

Nuair a ràinig Crìosdaidheachd do dh'Innis Tìle, chaidh casg a chuir air Neo-dhiadhaireachd agus pàganachd. B ’e na peanasan gu math doirbh. San 10mh cabideil dhen Íslendingabók tha e ag ràdh gun do chuireadh air dòigh Abaid ann an Skálholt, a tha faisg air þingvellir, agus 's e cridhe Crìosdaidheachd na tìre gus ar làithean.[5] Chùm na daoine dlùth ris an Eaglais Chaitligeach mus tàinig ionnsachadh Luthair às an Danmhairg san 16mh Linn. B' e gu robh Innis Tìle fo bhuaidh na Danmhairg aig an àm. A dh'aindeoin sin, thathar fhathast a’ creidsinn ann an eileamaidean pàganch gus an latha an-diugh san dùthaich sin thall sia latha fo sheòl à dh' Alba.

Iomraidhean

deasaich
  1. Sagamap
  2. Orfield, Lester B. (1953). The Growth of Scandinavian Law. University of Pennsylvania Press. Retrieved 30 August 2019.
  3. Sagagmap
  4. MBL
  5. Íslendingabók

Ceanglaichean a-muigh

deasaich
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: