Norðurland vestra
Norðurland vestra | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Innis Tìle |
Prìomh-bhaile | Sauðárkrókur |
Siorrachdan Traidiseanta | Austur-Húnavatnssýsla, Skagafjarðarsýsla agus Vestur-Húnavatnssýsla |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 12,737 km² |
Àireamh-shluaigh | 7,810 (2007) |
Dlùths | 0.61/km² |
Duilleag oifigeil | Norðurland vestra |
'S e roinn ann an Innis Tìle a th' ann an Norðurland vestra (Gàidhlig: Tìr an Iar-thuath).[1] Tha e suidhichte gu math tuath air Reykjavík, eadar Norðurland eystra agus Vesturland. 'S e Sauðárkrókur a th' anns a' bhaile as motha na roinne, far a bheil a cuid rianachd phoblaich suidhichte.[2]
Eachdraidh
deasaichEadar 965 agus 1874 bhuinneadh Norðurland vestra gu landsfjórðungur (Gàidhlig: Cairteal) air an robh Norðlendingafjórðungur/Eyfirðingafjórðungur còmhla ri pìosan beaga Vesturland.[3] Chaidh Sgìreachd-easbaig Hólar a stèidheachadh an seo an an 1103. 'S ann aig ìre nam bailtean s' a thathar a' toirt seachad na rianachd phoblaich an latha an-diugh, ged a thathar a' cleachdadh nan roinnean airson anailise stadastaigeil. B' e roinn-phàrlamaid a th' ann an Norðurland vestra gu ruige 2003 cuideachd, nuair a chaidh na sia roinnean-phàrlamaid a th' ann a-nis a stèidheachadh.[4]
Daoine Ainmeil
deasaich- Grettir Ásmundarson: (979 - 1031) Duine fon Choill.
- Jón Þorláksson: (1877 - 1935): Neach-poileataigs.
- Hermann Jónasson (1896 - 1976): Neach-poileataigs.
- Ólafur Jóhannesson (1913 - 1984): Neach-poileataigs.
- Hannes Pétursson: (1932) Sgrìobhadair.
- Ásgeir Trausti: (1992) Ceòladair.
Bailtean
deasaichÀireamh-sluaigh
deasaichSeo mar a tha àireamh-sluaigh na roinne air atharrachadh fad nam bliadhnaichean agus an taca ris an còrr dhen dùthaich.[5] 'S e gu bheil dì-dhaoineachadh na trioblaid san roinn. Thuit an uiread dhaoine a tha san roinn an dèidh a' Chogaidh agus an uair sin aig toiseach na 21mh Linn.
Bliadhna | Àireamh-sluaigh | % Nàiseanta |
1920 | 8 636 | 9.14% |
1930 | 8 000 | 7.36% |
1940 | 7 665 | 7.30% |
1950 | 7 340 | 5.09% |
1960 | 7 561 | 4.22% |
1970 | 7 748 | 3.79% |
1980 | 8.628 | 3.73% |
1990 | 8 631 | 3.35% |
2000 | 7 873 | 2.76% |
2011 | 7 393 | 2.31% |
Siorrachdan ann an Norðurland vestra
deasaichTha trì seann shiorrachdan ann an Norðurland vestra: Austur-Húnavatnssýsla, Skagafjarðarsýsla agus Vestur-Húnavatnssýsla.
-
Drangey.
-
Blönduós.
-
Hofsjökull.
-
Kálfshamarsvík.
-
Drangajökull.
-
Ósar Blöndu.
-
Sléttuhlíðarvatn.
-
Hvammstangi.