Hafnarfjörður
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Innis Tìle
Sgìre Höfuðborgarsvæðið
Co-chomharran 64° 3' 55 Tuath
21° 57' 16 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 143 km²
Àireamh-shluaigh 29,799 (2019)
Dlùths 208.38/km²
Àireamh fòn + 354
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile agus port air an àirde an iar Innis Tìle a th’ ann an Hafnarfjörður (IPA: ˈhapnarˌfjœrðʏr). Tha e suidhichte faisg air Reykjavík, aig 39m os cionn ìre na mara,[1] san roinn Höfuðborgarsvæðið (Roinn a' phrìomh-bhaile), eadar am pàirc nàiseanta Reykjanesfólkvangur agus a' muir, 397km air falbh bho Akureyri agus 65km bho Selfoss.[2] Tha 29,799 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] 'S e an treas baile as motha na dùthcha an dèidh Reykjavík agus Kópavogur a th'ann an Hafnarfjörður. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Suðvesturkjördæmi.[4]

Eachdraidh deasaich

Chaidh Hafnarfjörður a chlàradh airson a'chiad turais ann an Landnámabók anns an 9mh linn. B' ann ann an 1533 ann an Hafnarfjörður a chaidh a'chiad eaglais Lùtaireach ann an Innis Tìle a thogail. 'S ann ann an Hafnarfjörður 's a tha Þorgerður Katrín Gunnarsdóttir, a bha na ministear an Iasgaich agus Àiteachas ann an riaghaltas Sjálfstæðisflokkurinn eadar 2003 agus 2009, agus an uair sin na ministear an Foghlaim ann an 2017,[5] a' fuireach ann.

Freumh-fhaclachd deasaich

Tha an t-ainm a' ciallachadh Port an Loch Mara sa chànan aca, bho höfn (Port) agus fjörður (Loch mara).

Daoine Ainmeil deasaich

Bailtean Co-cheangailte deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Falling Rain
  2. Global Feed Distance Calculator
  3. Hagstofa Íslands
  4. Alþingi
  5. DV

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: