Vesturland
Suidheachadh
Dùthaich Innis Tìle
Prìomh-bhaile Borgarnes
Siorrachdan Traidiseanta Borgarfjarðarsýsla, Dalasýsla, Mýrasýsla agus Snæfellsnes- og Hnappadalssýsla.
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 9,522 km²
Àireamh-shluaigh 15,025 (2019)
Dlùths 1.58/km²
Duilleag oifigeil Vesturland

'S e roinn ann an Innis Tìle a th' ann an Vesturland (Gàidhlig: Tìr an Iar).[1] Tha e suidhichte gu tuath air Reykjavík, eadar Höfuðborgarsvæðið, Norðurland vestra, Suðurland agus Vestfirðir. 'S e Akranes a th' anns a' bhaile as motha na roinne, ged a tha a cuid rianachd phoblaich suidhichte ann am Borgarnes.[2]

Eachdraidh deasaich

Eadar 965 agus 1874 bhuinneadh Vesturland gu landsfjórðungur (Gàidhlig: Cairteal) air an robh Vestfirðingafjórðungur/Breiðfirðingafjórðungur còmhla ri Vestfirðir.[3] 'S ann aig ìre nam bailtean s' a thathar a' toirt seachad na rianachd phoblaich an latha an-diugh, ged a thathar a' cleachdadh nan roinnean airson anailise stadastaigeil. B' e roinn-phàrlamaid a th' ann am Vesturland gu ruige 2003 cuideachd, nuair a chaidh na sia roinnean-phàrlamaid a th' ann a-nis a stèidheachadh.[4]

Daoine Ainmeil deasaich

Bailtean deasaich

Àireamh-sluaigh deasaich

Seo mar a tha àireamh-sluaigh na roinne air atharrachadh fad nam bliadhnaichean agus an taca ris an còrr dhen dùthaich.[5] Thuit an uiread dhaoine a tha san roinn an dèidh a' Chogaidh ach tha e a-nis nas àirde na bha e a-riamh.

Bliadhna Àireamh-sluaigh % Nàiseanta
1920 10.167 10,77%
1930 9.636 8,87%
1940 9.927 8,17%
1950 10.065 6,98%
1960 11.973 6,68%
1970 13.205 6,45%
1980 14.884 6,44%
1990 14.537 5,64%
2000 14.263 5,01%
2010 15.370 4,84%

Siorrachdan ann am Vesturland deasaich

Tha ceithear seann shiorrachdan ann am Vesturland: Borgarfjarðarsýsla, Dalasýsla, Mýrasýsla agus Snæfellsnes- og Hnappadalssýsla.

Iomraidhean deasaich

  1. Samband Íslenskra Sveitarfélagra
  2. Borgarbyggð
  3. Stjórnarriðið
  4. Landskjór
  5. Hagstofa

Ceanglaichean A-muigh deasaich

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: