Suðurland
Suðurland | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Innis Tìle |
Prìomh-bhaile | Selfoss |
Siorrachdan Traidiseanta | Árnessýsla, Rangárvallasýsla, Vestur-Skaftafellssýsla |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 24,256 km² |
Àireamh-shluaigh | 23,311 (2018) |
Dlùths | 0.96/km² |
Duilleag oifigeil | Suðurland |
'S e roinn ann an Innis Tìle a th' ann an Suðurland (Gàidhlig: Tìr a Deas).[1] Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, eadar Austurland, Höfuðborgarsvæðið, Norðurland eystra, Norðurland vestra, Suðurnes agus Vesturland. 'S e Selfoss a th' anns a' bhaile as motha na roinne, far a bheil a cuid rianachd phoblaich suidhichte.[2]
Eachdraidh
deasaichEadar 965 agus 1874 bhuinneadh a' mhòr-cuid dhen talamh ann an Suðurland gu landsfjórðungur (Gàidhlig: Cairteal) air an robh Sunnlendingafjórðungur/Rangæingafjórðungur còmhla ri Höfuðborgarsvæðið agus Suðurnes.[3] Bha sgìrean mòra air an àirde an ear na roinne ann an Austfirðingafjórðungur cuideachd. Chaidh Sgìreachd-easbaig Skálholt a stèidheachadh an seo ann an 1056. 'S ann aig ìre nam bailtean s' a thathar a' toirt seachad na rianachd phoblaich an latha an-diugh, ged a thathar a' cleachdadh nan roinnean airson anailise stadastaigeil. B' e roinn-phàrlamaid a th' ann an Suðurland gu ruige 2003 cuideachd, nuair a chaidh na sia roinnean-phàrlamaid a th' ann a-nis a stèidheachadh.[4]
Daoine Ainmeil
deasaich- Sigurður Ingi Jóhannsson (1962): Neach-poileataigs.
- Svandís Svavarsdóttir (1964): Neach-Poileataigs.
- Björt Ólafsdóttir (1983): Neach-Poileataigs.
Bailtean
deasaichÀireamh-sluaigh
deasaichSeo mar a tha àireamh-sluaigh na roinne air atharrachadh fad nam bliadhnaichean agus an taca ris an còrr dhen dùthaich.[5] 'S ann aig Suðurnland 's a tha an treas àireamh-sluaigh as àirde na dùthcha, an dèidh Höfuðborgarsvæðið agus Norðurland eystra.
Bliadhna | Àireamh-sluaigh | % Nàiseanta |
1920 | 13785 | 14,60 % |
1930 | 13694 | 12,61 % |
1940 | 13555 | 11,15 % |
1950 | 13826 | 9,58 % |
1960 | 16018 | 8,95 % |
1970 | 18052 | 8,82 % |
1980 | 19637 | 8,49 % |
1990 | 20402 | 7,92 % |
2000 | 21119 | 7,41 % |
2007 | 23478 | 7,46 % |
Siorrachdan ann an Suðurland
deasaichTha trì sheann shiorrachd ann an Suðurland: Árnessýsla, Rangárvallasýsla, Vestur-Skaftafellssýsla.
-
Gullfoss.
-
Vík í Mýrdal.
-
Geysir.
-
Selfoss.
-
Mýrdalsjökull.
-
Katla.
-
Ystiklettur.
-
Vestmannaeyjar.
-
Hveragerdi.
-
Kerið.
-
Skálholt.