Gnàthachas litreachaidh na Gàidhlig
'S e Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig no ann am Beurla Gaelic Orthographic Convention (abbr GOC) oidhrip ri cuir còrdaidhean ann an Gàidhlig sgrìobhte. Bha a' chiad phàipear air foillseachadh ann an 1981 agus tha e ann an triùir clò-bhualadh. Tha na ghnàthachas a' cleachdadh air feadh na siostam foghlaim ann an Alba, bhon bun-sgoil gu oilthigh agus tha e air cleachdadh aig am pàrlamaid, an riaghltas agus a' BhBC.
Cùl
deasaichAnn an 1976 bha luchd-sgrùdaidh Scottish Certificate of Examination Board (SCEEB) mothachail air mì-chòrdaidhean ann an Gàidhlig sgrìobhte agus bhathar a’ faireachdainn gum bu chòir stiùireadh a dheasachadh airson a bhith cinnteach gun gabhadh tidsearan agus sgoilearan ri gnàthachas litreachaidh iomchaidh. Cuideachd, bha e cudromach gun cleachdadh luchd-sgrùdaidh, luchd-deasachaidh agus luchd-comharrachaidh na molaidhean ann a bhith a’ dèiligeadh ri pàipearan agus ri sgriobtan dheuchainnean.
GOC 1981
deasaichAnn an 1981 dh'fhoillsich iad an Gaelic Orthographic Conventions (GOC). Tha am pàipear seo air a bhith na bhunait luachmhor ann an iomadh raon de leasachadh na Gàidhlig bhon uair sin, agus cleachdadh na Gàidhlig a’ leudachadh gu caochladh raointean de bheatha phoblach na h-Alba.
Is iad na daoine a sgrìobh an aithisg
- An t-Ollamh Dòmhnall MacAmhlaigh
- An t-Ollamh Ruaraidh MacThòmais
- Jake A. MacDhòmhnaill, (Colaiste Cnoc Iòrdain, Glaschu)
- Coinneach D. MacDhòmhnaill
- Mgr. L.F. Dick (Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar)
- Murchadh MacLeòid
- Mgr. D. A. MacDhòmhnaill, (Bellahouston Academy, Glaschu)
- Mgr. D.J.M. Maciver, (Sgoil MhicNeacail, Steòrnabhaigh)
- Mgr. A.J. Macleod, (Sir E. Scott, Na Hearadh)
- Mgr. J. MacPhee, (Àrd-Sgoil Daliburgh)
- Mgr. D. Morrison, (Àrd-Sgoil an Òbain)
- Mgr. J. Murray, (Comhairle nan Eilean Siar)
- Mgr. R. MacNeil, (Langside College, Glaschu)
GOC 2005
deasaichA-nise tha Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba (SQA), a ghabh àite SCEEB, air co-dhùnadh gum bu chòir leasachadh agus nuadh-dheasachadh a dhèanamh air a’ phàipear, air sgàth mar a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ leudachadh agus air sgàth meudachaidh air cànan ann an rianachd phoblach le stiùireadh bho SQA, ach a’ cumail ri na prionnsapail agus ri na molaidhean a bha ann bho thùs.
GOC 2009
deasaichAithrisean
deasaichRiaghailt an Litreachaidh
deasaichGnè Chonnragan
deasaichBuidhnean Chonnragan
deasaichRiochdachadh Fhuaimreagan
deasaichCuideam Fhacal
deasaichAsgairean agus Beàrnan
deasaichFreagarrachd Fhuaimean agus Facail-Iasaid
deasaichGnìomhairean
deasaichRàdhan Roimhearach
deasaichTàthanadh
deasaichCùisean Litreachaidh Eile
deasaichÀireamhan
deasaichMìosan na Bliadhna
deasaichCinn-latha
deasaichLàithean
deasaichSloinnidhean
deasaichAinmean Aitean
deasaichTiotalan Pearsanta
deasaichGeàrr-ainmean
deasaichGiorrachaidhean
deasaichFaic cuideachd
deasaichFaclair na Parlamaid http://www.ordnancesurvey.co.uk/oswebsite/freefun/didyouknow/placenames/gaelicprinciples.html https://web.archive.org/web/20110807035647/http://www.arts.ed.ac.uk/celtic/poileasaidh/FACLAIRREP.htm