'S e bàrd, sgrìobhadair, peantair agus neach-aithris às An Ucràin/Na Stàitean Aonaichte a th' ann an Emma Ivanivna Andijewska (Ucràinis: Е́мма Іванівна Андіє́вська, Stalino, 19 am Màrt, 1931).[1] 'S ann do theaghlach foghlamte a bhuinneas e: bha athair na cheimeagair agus bha a màthair na neach-àiteachais. Cha deidheadh i dhan sgoil gu cunbhalach, air sgàth 's gu robh i daonnan easlainteach agus le sin fhuair i a cuid fhoghlaim aig an taigh. Dh' fhalbh an teaghlach gu Vyshhorod ann an 1937 agus gu Kyiv ann an 1939 leis cho bochd 's a bha i. Chuir ùghdarrasan an Aonaidh Sobhiataich a h-athair gu bàs ri linn An Dàrna Cogaidh los nach tuiteadh e ann an làmhan nan Nàsach. Le sin b' fheudar dhan teaghlach theiche chun na Gearmailte ann an 1943. Bha iad nan tàmh ann an iomadh baile sa Ghearmailt, Berlin nam measg, far an do dh' fhulaing Andijewska A' Chaitheamh fad trì bliadhna. An dèidh ghreiseig ann am Mittenwald chaidh an teaghlach gu München, far an tug i ceum ann am Feallsanachd agus Eòlas-chànan on Oilthigh Saor Ucràineach (Ucràinis: Український Вільний Університет) ann an 1957. An dèidh an oilthighe, ghluais an teaghlach gu Eabhraig Nuadh. Phòs i aig Ivan Koshelivets ann an 1959 agus fhuair i saoranachd nan Stàitean ann an 1962. Thill i gu München far an do dh' obair i às lèth Radio Free Europe gu ruige 1995. Tha Emma Andijewska gu tric ceangailte ris a' bhuidheann de sgrìobhadairean eilthireachd Ucràineach ann an Eabhraig Nuadh. Tha a h-obair air a chomharrachadh le bhith dìreach mothachail agus neo-phoilitigeach. Tha bàrdachd agus rosg Andijewska air a bhith air ainmeachadh gu tric mar os-fhìreach. 'S ann air cho cudromach sa tha fo-mhothachadh 's i a' cur cuideam. Tha spioradalachd agus dìomhaireachd cuideachd nam pàirt chudromach na sgrìobhas i. Tha sealladh cruinne Andijewska rudeigin coltach ri beachdan ann am Bùdachas agus na sgrìobh Carlos Castaneda.[2] Tha obraichean Andijewska iom-fhillte agus feumach air tuigse bhon leughadair.[3]

Emma Andijewska
Beatha
Breith Donetsk (Donetska Oblast), 19 dhen Mhàrt 1931
Dùthaich  An t-Aonadh Sobhiatach
 Na Stàitean Aonaichte
Teaghlach
Cèile Ivan Koshelivets (en) Translate
Foghlam
Foghlam Ukrainian Free University (en) Translate
Cànain Ucràinis
Dreuchd
Dreuchd neach-naidheachd, bàrd, peantair, sgrìobhadair, prose writer (en) Translate agus sgrìobhadair sgeulachdan goirid
Àitichean-obrach München
Duaisean a fhuaras
Ballrachd National Writers' Union of Ukraine (en) Translate
Gluasad os-fhìreachas
Gnè ealain bàrdachd-aithris
sonaid
sgeul goirid
nobhail
fairy tale (en) Translate
pritcha (en) Translate
emma-andiyevska.com

Nobhailean

deasaich
  • «Герострати» (Herostratus, München, 1971)
  • «Роман про добру людину» (Nobhail mu Dheidhinn an Deagh Daoine, München, 1993)
  • «Роман про людське призначення» (Nobhail mu Dheidhinn a ' chinne-daonna an Dàin, München, 1982)
  • «Лабіринт» (Cuartan, gun chrìochnachadh, criomagan a chaidh fhoillseachadh ann an 1988)

Iomraidhean

deasaich
  1. Oberti A. Emma Andijewska, Arte Italiana per il Mondo. – Centro librario italiano s.a.s. di Carbone-Castorina & C – 1996, vol. 15.
  2. Maria G. Rewakowicz. "(Post)Modernist Masks: The Aesthetics of Play in the Poetry of Emma Andiievska and Bohdan Rubchak". Journal of Ukrainian Studies 27 # 1–2 (2002).
  3. Hans Thill, Vorwärts, ihr Kampfschildkröten: Gedichte aus der Ukraine. Wunderhorn 2006. ISBN 3-88423-259-2.


 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: