A' Chaitheamh
'S e tinneas nan sgamhan a tha anns a' Chaitheamh. Bidh fulangaiche a' casadaich is a' cur a-mach fala. B' àbhaist dha a bhith gu math pailt ri linn Bhictoria agus fiù 's gu'n Dàrna Cogadh. Bha mòran àiteachan air a' Ghaidhealtachd agus ann an àrainneachdan glan eile far am faigheadh na fulangaich leighis le bhith a' gabhail anail ghlan.
Anns a' bhliadhna 1882 fhuair Robert Koch a-mach mu fhàth na caitheimh (Laideann: Mycobacterium tuberculosis).
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Comhairle do Luchd na Caitheimh - giorrachadh Gàidhlig sa leabhar “Consumption: Its cause, prevention and cure”, Ceap Breatainn, 1912