Co-chomharran: 56°27′38″N 5°46′46″W / 56.460438°N 5.779524°W / 56.460438; -5.779524

'S e beinn ann an Alba a th' ann an Dùn da Ghaoithe. Tha e suidhichte air taobh an ear air Eilean Mhuile. 'S e Dùn da Ghaoithe an dàrna beinn as motha air an eilean, tha e 766m (2513 troigh) de dh'àirde.[1] Air mullach na beinne chithear càrn mòr a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde. 'S e Corbett is Marilyn a th' ann.

Dùn da Ghaoithe

Sealladh bho Loch Feochan air Dùn da Ghaoithe
Àirde (m) 766
Àirde (tr) 2513
Àirde rinneach (m) 659
air liosta Corbett, Marilyn
Suidheachadh
Dùn da Ghaoithe is located in Alba
Dùn da Ghaoithe
Dùn da Ghaoithe (Alba)
Suidheachadh Muile
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (49)
OS Explorer (375E)
Comharradh-clèithe NM672362

Thèid beanntan na h-Alba a chur ri chèile ann an liostaichean sònraichte a rèir àirde agus àirde rinneach mullach na beinne. Canar Beinn Rothaich, Murdo, Marilyn, Donald, Graham neo Corbett riutha. Tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach agus an uair sin thèid na tomhasan a chruinneachadh ann an liostaichean a tha rim faighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2] Bho àm gu àm nì iad ath-sgrùdadh mu àird na beinne, agus rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Dùn da Ghaoithe san 2 an Gearran 2013.

Iomraidhean deasaich

  1. Hill Bagging (Beurla)
  2. Database of British and Irish hills (Beurla)

Ceanglaichean a-mach deasaich