Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid

'Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Siorrachdan tràidiseanta Earra-Ghàidheal agus Siorrachd Bhòid
Poileataigs
Smachd Neo-eisimeileach, Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba agus Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba[1]
Sgìrean Phàrlamaid Westminster Earra-Ghàidheal agus Bòd
Sgìrean Phàrlamaid na h-Alba Earra-Ghàidheal agus Bòd
Roinn Phàrlamaid na h-Alba A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 6,909 km²
Àireamh-shluaigh 88,000 (2010)
Dlùths 12.74/km²
Duilleag oifigeil http://www.argyll-bute.gov.uk/

'S e aon de na 32 comhairlean na h-Alba a tha ann an Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid (Beurla: Argyll and Bute Council).

Suidheachadh

deasaich

Tha Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, Comhairle Shruighlea agus Comhairle Dhùn Bhreatainn an Iar timcheall oirre. Tha Loch Laomainn air àird an ear dhith.

'S e Ceann Loch Gilb prìomh-bhaile ionadail na chomhairle.

Bha a’ chuid as motha de Chomhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid a’ buntainn don t-siorrachd traidiseanta Earra-Ghàidheal seach leth-eilean A' Mhorbhairne a tha aig Comhairle na Gàidhealtachd an-diugh. Tha e a’ gabhail a-steach an Eilean Bhòid cuideachd a bha aig Siorrachd Bhòid agus am pàirt iarach den t-Siorrachd Dhùn Bhreatainn.

Is ionann crìochan na Chomhairle agus crìochan na sgìre Phàrlamaid Westminster.

Poileataigs

deasaich

Tha 11 uàrdan aig a' Chomhairle: Comhghall, Dùn Omhain, Baile Eilidh agus Laomainn a Deas, Baile Eilidh Meadhain, Eilean Bhòid, Ceann Tìre agus na h-Eileanan, Laomainn a Tuath, Earra-Ghàidheal Meadhain, An t-Òban a Tuath agus Latharna, An t-Òban a Deas agus na h-Eileanan agus Ceann Tìre a Deas, agus 36 comhairlichean.[2] An dèidh dha na taghaidhean ionadail 2017:[3]

# Uàrd Comhairlichean
1 Ceann Tìre a Deas Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
2 Ceann Tìre agus na h-Eileanan Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
3 Earra-Ghàidheal Meadhain Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1)
4 An t-Òban a Deas agus na h-Eileanan Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Neo-eisimeileach (2)
5 An t-Òban a Tuath is Latharna Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Neo-eisimeileach (2)
6 Comhghall Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
7 Dùn Omhain Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Neo-eisimeileach (1)
8 Eilean Bhòid Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1)
9 Laomainn a Tuath Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Neo-eisimeileach (1)
10 Baile Eilidh Meadhain Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (2), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
11 Baile Eilidh agus Laomainn a Deas Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)

Bailtean

deasaich

Eileanan

deasaich

Àitichean eile

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid: Membership of committees (Beurla). Air a tharraing 27 an Gearran 2016.
  2. Councillors(Beurla). Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid. Air a thogail 26mh dhen Ghearran 2017.
  3. Comhairle Earra Ghàidheal agus Bhòid”. BBC. Air a thogail 7mh dhen Chèitean 2017.

Ceanglaichean a-mach

deasaich