’S e àrd-sgoil sa sgìre Marchmont ann an Dùn Éideann a tha ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig. Tha i a’ teagasg òigridh eadar 11 agus 18 bliadhna a dh’aois. Ged a tha a’ mhórchuid den teagasg tron Bheurla, ’s i a’ phrìomh àrd-sgoil airson teagasg na Gàidhlig agus teagasg tro mheadhan na Gàidhlig ann an Dùn Éideann.

Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig

Eachdraidh

deasaich

Chaidh an sgoil a stéidheachadh ann an 1803 le dìleab a dh’ fhàg am marasanta tombaca Seumas Gilleasbuig. An toiseach cha robh ach 65 de sgoilearan innte. Ann an 1908 chaidh an sgoil fo stiùireadh Bhòrd-sgoile Dhùn Éideann, agus ’s e sgoil stàite ioma-chuimseach a th’ innte a-nise le 1150 sgoilearan.[1] Choisinn i an tiotal “Scottish State School of the Year” aig an Sunday Times ann an 2015.

Gàidhlig

deasaich

’S i Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig an àrd-sgoil àbhaisteach dhan téid sgoilearan a chaidh tron bhun-sgoil Ghàidhlig ann an Dùn Éideann, Bun-sgoil Taobh na Pàirce. Tha a’ Ghàidhlig ga theagasg san àrd-sgoil mar chuspair, ach cuideachd tha iomadh chuspair ga theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. ’S ann à Uibhist a Tuath a tha Dòmhnall Iain Dòmhnallach a tha ’na cheannard na sgoile bho 2012, agus tha e fileanta sa Ghàidhlig.

Iomraidhean

deasaich
  1. 2015

Ceanglaichean a-mach

deasaich