Bun-sgoil Taobh na Pàirce
Bun-sgoil Gàdghilg ann an Dhùn Èideinn
'S e bun-sgoil làn-Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, Alba a tha ann am Bun-sgoil Taobh na Pàirce. Bha 287 cloinne anns an sgoil ann an 2015.
Thòisich foghlam tron Ghàidhlig aig ìre na bun-sgoile ann an Dùn Èideann aig Bun-sgoil Chrois na Cìse le aonad Gàidhlig ann an 1988 anns an robh mu naodhnar chloinne nuair a dh’fhosgail e. Dh’fhàs na h-àireamhan, agus ann an 2013 ghluais a’ Ghàidhlig dhan sgoil ùr làn-Ghàidhlig, Bun-sgoil Taobh na Pàirce. Bhon uair sin tha mu 60 sgoilear air a bhith tòiseachadh air P1 gach bliadhna
Faodaidh clann a thig tron sgoil leantainn orra aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig far a bheil iomadh cuspair ga theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.