Eilean Bhòid
S' e eilean anns an Linne Chluaidh a tha ann an Eilean Bhòid. Tha e faisg air Cumaradh Mòr. Tha e suidhichte ann an Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid.'S e seo na co-chomharran aige: 55° 50′ 8.48″ Tuath agus 5° 3′ 22.9″ Iar.
Tha Eilean Bhòid cho farsaing ri 12,217 heactair ceàrnagach (47.2 sq mi) de mheud. 'S e Windy Hill an cnoc as àirde air an eilean. Tha e 278 meatair (912 troigh) os cionn na mara.
A rèir cunntas-sluaigh 2011 bha 6,498 duine a' fuireach ann an Eilean Bhòid. [1]'S e Baile Bhòid an t-ainm a tha air a phrìomh-bhaile.
Eachdraidh
deasaichAnn an Sàga Sgeulachd Geittir bha cath mara an seo, eadar dà fheachd à Lochlann, leis gu robh na Lochlannaich le bunait ann am Barraigh a' feuchdainn ri smachd a chur air buidheann eile a bha ri goid air feadh Alba. B' e Bót an t-ainm a bh' aca air an eilean.
Þeir Þrándur og Önundur fóru í móts við þá og spurðu að þeir höfðu siglt inn til eyjar þeirrar er Bót hét.
(Choinnich Thrond agus Onund riutha agus dh' iarr iad orra gun seòladh iad gu ruige Eilean Bhòid)[2]
Bailtean
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 10 an Lùnastal 2015
- ↑ Sagamap
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 086 645