Badajoz
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn agus Crùn na Castilla
Prìomh-bhaile Badajoz
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 21,766 km²
Àireamh-shluaigh 693,921 (2014)
Dlùths 31.88/km²
Àireamh fòn + (924)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann am Badajoz (IPA: baðaˈxoθ, Estremeñu: Baajós). Tha e na laighe ann an Extremadura, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Badajoz a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Badajoz fad 21,766km²[3] agus tha 693,921 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 24mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Cáceres, Ciudad Real, Córdoba, Huelva, Sevilla agus A' Phortagail.[5] 'S e Spàinntis dìreach a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

deasaich

Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à ﺑﻂﻠﻴﻮﺱ (batalyaws) ann an Arabais a tha an t-ainm.[6] Bheireadh sin Áite Làidir no Daingneachadh dhuinn sa Ghàidhlig. A dh'aindeoin sin, tha teòiridh eile ann a chanas gur e dìreach an t-seann ainm Ròmanach Pax Augusta air arabachadh a th' ann am Badajoz le B air sàilleabh nach robh P anns a’ chànan aca: ‘S e Imala a tha air a’ phròiseas sin.[7] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Bailtean

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. J. Sanmartín (1994). «Toponimia y antroponimia: fuentes para el estudio de la cultura púnica en España». En A. González Blanco; J.L. Cunchillos Ilarri; M. Molina Martos. El mundo púnico: historia, sociedad y cultura. Murcia: Consejería de Cultura y Educación. Región de Murcia. pp. 227–250. ISBN 84-7564-160-1.
  7. The History of the Mohammedan Dynasties in Spain, Aḥmad Ibn- Muḥammad al- Maqqari

Ceanglaichean a-mach

deasaich