Ciudad Real (provincia)
Ciudad Real
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Ciudad Real City (en) | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 19,813 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 530,175 (2014) | ||||
Dlùths | 26.76/km² | ||||
Àireamh fòn | + (926) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Ciudad Real (IPA: θjuˈðað reˈal). Tha e na laighe ann an Castilla-La Mancha, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Ciudad Real a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla la Mancha i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Ciudad Real fad 19,813km²[3] agus tha 530,175 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an treas roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 30mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochan aice le Albacete, Cáceres, Córdoba, Cuenca, Jaén agus Toledo.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
deasaichTha e soilleir gur e dìreach dà fhacal san Spàinntis a th' ann an t-ainm seo: ciudad (Gàidhlig: baile mòr) agus real (Gàidhlig: rìoghail). Bheireadh sin Baile Rìoghail dhuinn sa chànan againne fhèin. Thug an rìgh Alfonso X ainm ùr dhan àite ann an 1255[6] o chionn's gur robh e a' feuchainn ris an sgìre a thoirt a-mach bho na Rìdirean Calatrava.[7] B' e Pozuelo Seco de Don Gil (Gàidhlig: Tobar Thioram Mhaighstir GhillEasbaig) a bh' ann an t-seann ainm. Mar a b' àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Cruinn-eòlas
deasaichTha iadhtag ann, a bhuineas do Chiudad Real, thall air an àirde an iar na roinne far an tig Badajoz, Cáceres agus Toledo ri chèile. 'S e Rincón de Anchuras an t-ainm a tha air.[8] Tha e na aite fa leth air sàilleabh gu bheil sliabh ann eadar an iadhtag sin agus an còrr dhen roinn. Chan eil ach 455 duine a' fuireach ann.
Bailtean
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ Ciudad Real, 1500-1750: Growth, Crisis, and Readjustment in the Spanish Economy, Rahn Phillips C., HUP, Cambridge, Massachusetts, 1979
- ↑ Arte e Historia
- ↑ Anchuras