'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Burundaidh[1]; ainmean eile: Buruindi [2] neo Burundi[3][4], ainm oifigeil: "Poblachd Bhurundaidh". Tha crìochan aice le Ruanda san taobh tuath, le Tansainìa san earra-dheas agus le Poblachd Dheamocrach na Congo san iar. Tha an Loch Tanganyika anns an iar na dùthcha. 'S e Bujumbura am prìomh-bhaile aice. Thàinig an t-ainm Burundaidh bhon chànan Bantu: Kirundi. Tha an dùthaich gu math iomallach agus chan eil mòran stòrais nàdarra aice. Mar sin dheth ‘s e aon de na dùthchannan as bochda air feadh an t-saoghail a-rèir Làn-thoradh dùthchail (GDP) gach pearsa.

Republika y'u Burundi
République du Burundi

Bratach

Lùireach
Laoidh Nàiseanta
Burundi bwacu
Sluagh-ghairm nàiseanta
"Ubumwe, Ibikorwa, Iterambere" (Cànan Kirundi)
"Unité, Travail, Progrès"(Fraingis)
Cànan(an) oifigeil Kirundi, Fraingis
Prìomh-bhaile Bujumbura
Baile as motha Bujumbura
Riaghaltas Poblachd
Ceann-suidhe Évariste Ndayishimiye
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon a' Bheilg
1ad an t-Iuchar 1962
Farsaingeachd
Iomlan 27,830 km² (145mh)
Uisge 7.8 %
Àireamh-shluaigh (2005)
Iomlan 7,548,000 (94mh)
Dlùths 271/km² (43mh)
LTD/CCC (2003)
gach pearsa $739 (163mh)
Roinn tìde CAT (UTC+2)
Ruith-airgid Burundi franc
Prìomh àrainn-lìn .bi
Còd Àireamh fòn 257

Taghaidhean 2020 is COVID-19

deasaich

Bhuannaich Évariste Ndayishimiye na taghaidhean anns a' Chèitean 2020. Chaochail an ceann-suidhe Pierre Nkurunziza 8 an t-Ògmhios 2020 an dèidh greim-cridhe. Cha do chuir e lockdown air Burundaidh is dh'fhuad a riaghaltas às an dùthaich fìor-eòlaichean o Bhuidheann Slàinte na Cruinne. Bha fathannan ann gun do dh'fhulaing e le COVID-19 is a bhean air a dhol gu Kenya airson leigheasaidh.[5]

 
Cairt Bhurundaidh

Iomraidhean

deasaich
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. Am Faclair Beag
  2. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  3. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  4. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  5. Burke, Jason: “Burundi president dies of illness suspected to be coronavirus”, The Guardian. 9mh dhen Ògmhios 2020. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2020.