Sumska Oblast
Sumska Oblast Сумська о́бласть
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Prìomh-bhaile | Sumy | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 23,834 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,053,402 (2021) | ||||
Dlùths | 44.2/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 54 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e tè dhe na 24 roinnean anns an An Ucràin a th'ann an Sumska Oblast (Ucràinis: Сумська о́бласть, ainm neo-fhoirmeil: Sumshchyna). 'S e Sumy fhèin's a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[1] Tha i suidhichte air an àirde an ear-thuath na dùthcha, faisg air na crìochan leis An Ruis.
Eachdraidh
deasaichBhuinneadh leth chuid na roinne gu Slobozhanshchyna anns na 17mh Linn agus 18mh Linn, air crìochan a deas Iompaireachd na Ruise. Chaidh Sumska Oblast a chruthachadh ann an 1939 le pìosan bho Kharkivska Oblast, Chernihivska Oblast agus Poltavska Oblast. Bhòt 92.61% nan daoine an seo airson neo-eisimeileachd na h-Ucràine san reifreann nàiseanta ann an 1991.[2]
Daoine Ainmeil
deasaich- Mykola Hrunskiy (1872 - 1951): Cànanaiche.
- Karl Burman (1882 - 1965): Ailtire.
- Mykola Khvylovy (1893 - 1933): Sgrìobhadair.[3]
- Thomas de Hartmann (1885 - 1956): Ceòl-sgrìobhaiche.[4]
- Katerina Peshkova (1887 - 1965): Neach-iomairt chòraichean daonna.
- Fedir Drobitko (1904 - 1949): Neach-ciùil.[5]
- Yuri Horobets (1947 - 2021): Fiosaigiche.
- Viktor Yushchenko (1954): Neach-poileataigs.
- Dmytro Evdokymov (1988 - 2022): Eachdraiche agus ailtire.