Kharkivska Oblast
Харківська́ о́бласть
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Prìomh-bhaile Kharkiv
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 31,415 km²
Àireamh-shluaigh 2,633,834 (2021)
Dlùths 83.84/km²
Àireamh fòn + 380 57
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e tè dhe na 24 roinnean anns an An Ucràin a th'ann an Kharkivska Oblast (Ucràinis: Харківська́ о́бласть, ainm neo-fhoirmeil: Kharkivshchyna). 'S e Kharkiv fhèin's a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[1] Tha i suidhichte air an àirde an ear-thuath na dùthcha faisg air na crìochan leis An Ruis.

Eachdraidh deasaich

Bhuinneadh talamh na h-oblast air fad dhan roinn Slobozhanshchyna anns na 17mh Linn agus 18mh Linn, air crìochan a deas Iompaireachd na Ruise. Chaidh Kharkivska Oblast fhèin a chruthachadh ann an 1932. B' e an Oblast seo, a bharrachd air Kyivshchyna, a dh' fhuiling na bu mhotha agus na bu mhiosa na àite sam bith eile san dùthaich ri linn Gort na h-Ucràine (Ucràinis: Голодомо́р) eadar 1932 agus 1933[2] Chaochail 1,037,600 leis an acras.[3] Bhòt 86.33% nan daoine an seo airson neo-eisimeileachd na h-Ucràine san reifreann nàiseanta ann an 1991.[4]

Daoine Ainmeil deasaich

Bailtean ann an Kharkivska Oblast deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Ukrexport
  2. Holodomor Museum
  3. Harvard
  4. Soviet History

Ceanglaichean A-mach deasaich

Mapaichean