Khoruzhivka (Sumska Oblast)
Khoruzhivka Хорýжівка | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | An Ucràin |
Ceàrn | Romenskiy Raion |
Sgìre | Sumska Oblast |
Co-chomharran | 50° 54 43' Tuath 33° 48 53' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 813 (2021) |
Àireamh fòn | +380 5455 |
'S e baile beag air an àirde an iar-thuath na h-Ucràine a th' ann an Khoruzhivka (Ucràinis: Хорýжівка). Tha e suidhichte san roinn Sumska Oblast agus tha 813 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
deasaichChaidh tuineachadh a lorg an seo bho Linn an Iarainn faisg air an ear-thuath a' bhaile. Chaidh Khoruzhivka a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1708. Bha 1,420 duine a' fuireach anns a' bhaile ann an 1979 ach tha na h-àireamhan air thuiteam on latha seo. Dh'fhuiling am baile mar thoradh air murt-cinnidh muinntir Ucràine a rinn riaghaltas an USSR ann an 1932 - 1933 agus 1946 - 1947. Ann an 1991, thàinig Khoruzhivka gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
Eòlas-sluaigh
deasaichA rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Khoruzhivka a' bruidhinn (98.52%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis cuideachd (1.48%).[1]