B' e neach-ciùil, ball còisire, stiùiriche-ciùil agus ceàrdair Ucràineach/Sobhiatach a chluicheadh a' bhandura/kobza a bh' ann am Fedir Fedorovitch Drobitko (Ucràinis: Дробітько Федір Федорович, Trostianets, 5 an t-Ògmhios 1904 - Okhtyrka, 16 an t-Iuchar 1949).[1] Chuir e seachad na 1930an ag obair ann am bùth gus a thoisich e ris a' bhandura ionnsachadh. Bha e na shaighdear san arm tro bhliadhnaichean a' Chogaidh agus, ann an 1946 ghluais e gu Okhtyrka, 21km air falbh bho Throstianets fhèin. Chaochail e ann an tubaist chàir air 16 an t-Iuchar 1949 agus e air an t-slighe gu cuirm-chiùil. A thaobh ciùird, rinn e 15 bandura dha fhèin.

Fedir Drobitko
Beatha
Breith Trostianets, 5 dhen Ògmhios 1904
Dùthaich Impireachd na Ruise
 An t-Aonadh Sobhiatach
Cinneadh Ukrainians (en) Translate
Bàs Okhtyrka (en) Translate, 16 dhen Iuchar 1949
Dreuchd
Dreuchd bandurist (en) Translate
Inneal-ciùil bandura (en) Translate

ObairDeasaich

  • «Ой, попливи, утко» (O, snàmh, tunnaig)
  • «Стоїть явір над водою» (Tha craobh fiothaige os cionn an uisge)
  • «Ой, горе тій чайці» (O, mo thruaighe an fhaoileag sin)
  • «Стоїть дуб зелений» (Tha darach uaine ann)

IomraidheanDeasaich

  1. Мошик М. Г., Жеплинський Б. М., Горнаткевич А. Д. Кобзарі та бандуристи Сумщини: Довідник. — Суми: Козацький вал, 1999. — 79 с. ISBN 966-589-065-4