Baile Steaphain
(Air ath-sheòladh o Stevenston)
Baile Steaphain | |
Caisteal Kerelaw | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath |
Co-chomharran | 55° 38′ 5″ T 4° 45′ 2″ I |
Comharradh-clèithe | NS 269413 |
Feartan fiosaigeach |
'S e baile ann an Siorrachd Àir faisg air Saltcoats agus Àird Rosain a tha ann am Baile Steaphain (Beurla: Stevenston).[1] Bha factaraidh fùdar-gunna ann a bha le Nobel agus an sin ICI.[2] Chaidh bataraidh anti-phlèanaichean a thogail air rè na Dàrna Cogaidh.[3]
Anns a' bhliadhna 2006 bha 8,990 duine a' fuireach an seo.
Rugadh Lesley Baillie ann am Baile Steafain ann an 1768, an tè a tha a’ nochdadh ann am bàrdachd Raibeart Burns mar "Bonnie Lesley". Thachair Burns rithe ann an 1792.
Tha tobhtaichean Chaisteal Kerelaw air àird a tuath Bhaile Steafain.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Stevenston/Baile Steaphain”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 27mh dhen Dùbhlachd 2018.
- ↑ “Ardeer, Ici Works, Nobel's Explosive Factory”. Canmore, Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 27mh dhen Dùbhlachd 2018.
- ↑ “Stevenston, Hawkhill Farm”. Canmore, Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 27mh dhen Dùbhlachd 2018.
Siorrachd Àir agus Arainn